
Cruinneachaidhean Arc-eòlach
Tha na cruinneachaidhean arc-eòlach againn a’ gabhail a-steach nithean bho làraich agus nithean a chaidh fhaighinn air feadh an àite, bho Linn Meadhanach na Cloiche chun là an-diugh. Thar na h-ùine a tha seo faodar cuspairean cumanta a tharraing a-mach bho na nithean a tha fo ar cùram.
Tha mu 1,200 bogsaichean le stuthan arc-eòlais sna stòran againn bho 37 sgrùdaidhean, a’ gabhail a-steach pìosan cuirp daonna agus mu 300 nì a chaidh fhaighinn air feadh an àite, agus stuth bho Udal a tha aig an àm seo air a stòradh air tìr-mòr. Chaidh an stuth a thoirt don taigh-tasgaidh tro Mhòr Ulaidh Alba no tro Scottish Archaeological Finds Allocation Panel (SAFAP).
Bho 2021, le taic maoineachaidh bho Taighean-tasgaidh Gaileiridhean na h-Alba, tha e air a bhith comasach dhuinn arc-eòlaiche fhastadh gus a bhith a’ clàradh ar cruinneachaidhean arc-eòlais leis an amas a bhith a’ meudachadh ar n-eòlais agus a bhith gan dèanamh nas so-ruigsinnich. Gus tuilleadh ionnsachadh thèid gu duilleagan Pròiseact Sònraichte agus Archaeology Awakened. Is iad sin a’ chiad dà ire de dh’eacarsaich nas motha gus a bhith a’ clàradh ar cruinneachaidhean arc-eòlais air fad.















