Tasglann nan Eilean (Tasglainn)

Tha sinn fosgailte: Diluain-Dihaoine | 9:30m - 5f le bhith a’ cur àm air dòigh ro làimh Disathairne-Didòmhnaich | Dùinte

A’ bucadh cothrom tadhal

Is e Tasglann nan Eilean seirbheis tasglainn Chomhairle nan Eilean Siar, an t-ùghdarras ionadail a tha a’ dèiligeadh ri Innse Gall.  Is e ar dleastanas a bhith a’ cruinneachadh, a’ gleidheadh agus a’ tabhann cothrom air na cruinneachaidhean tasglainn a tha fo ar cùram, a dh’fhaodar a bhith air an cleachdadh airson raon fharsaing de dh’ùidhean rannsachaidh.

Tha an t-seirbheis stèidhichte ann an goireas a chaidh a thogail a dh’aon ghnothaich airson an tasglainn ri taobh Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh, a chaidh fhosgladh ann an 2016.

Tha seòmar leughaidh an tasglainn air fhosgladh le bhith a’ cur cead air dòigh. Cuir fios thugainn gus àm a chur air dòigh no gus comhairle fhaighinn mu thùsan a tha iomchaidh airson nan ùidhean rannsachaidh agad.

Ag ullachadh airson cuairt

Thathar gu làidir a’ comhairleachadh dhut fios a chur thugainn greis mhath mus tig thu gus an comharraich sinn stuth iomchaidh airson do chuideachadh led rannsachadh, agus gus dèanamh cinnteach gu bheil àite air a chur air dòigh dhut san t-seòmar leughaidh.

Thèid iarraidh ort:

  • do làmhan a nighe gu math mus tig thu a-steach do sheòmar-leughaidh an tasglainn;
  • soidhnig a-steach;
  • fuirich san aon shuidheachan a chaidh a thoirt dhut fhad ’s a bhios tu a’ rannsachadh;
  • thoir leat am peansail agad fhèin agus stuth sam bith eile a dh’fheumas tu.

Tha còmhdach aodainn an urra riut fhèin.

Bithear a’ sùileachadh gun cùm luchd-rannsachaidh ri Riaghailtean an t-Seòmar-leughaidh againn an uair a bhios iad a’ cleachdadh stuth tùsail san tasglann gus dèanamh cinnteach gun tèid a chumail airson nan ginealaichean ri teachd. Faodaidh iad a bhith air am faicinn no air an luchdachadh a nuas an seo:

Riaghailtean an t-Seòmar Leughaidh

Suidheachadh, Pàirceadh agus Slighe a-steach

Tha an tasglann mar phàirt den aon thogalach ri Museum nan Eilean ann an Steòrnabhagh.  Lean an ceangal seo airson tuilleadh fiosrachaidh mu suidheachadh, pàirceadh agus slighe a-steach agus seirbheisean eile airson luchd-tadhail.

Fiosrachadh

post-d: archives@cnes.gov.uk

Fòn: 01851 822750

Tron phost: Tasglann nan Eilean, Lews Castle Grounds, Stornoway HS2 0XS

Poorhouse ledger
Leabhar-clàraidh Taigh nam Bochd Leòdhais
This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more