Museum nan Eilean Steòrnabhagh

Tha sinn fosgailte: Diluain | Dùinte Dimàirt – Disathairne | 1f – 4f Là na Sàbaid | Dùinte
Museum nan Eilean Stornoway logo

Tha Museum nan Eilean Steòrnabhagh mar phàirt den t-Seirbheis Dualchais a tha air a ruith le Comhairle nan Eilean Siar agus tha e stèidhichte sa Gheàrraidh Chruaidh ann an Eilean Leòdhais.  Tha e ceangailte ri Museum nan Eilean, Liònacleit air Beinn na Faoghla. 

Air an duilleig gu h-ìosal, gheibh thu am fiosrachadh a dh’fheumas tu gus ur cuideachadh ann a bhith a’ planadh ur turas gu Museum nan Eilean, Steòrnabhagh.

A’ Faighinn Ann: Siubhal, Stiùireadh, Pàirceadh

Rè do Thuras: Ruigsinneachd, Cead a-steach, Seòmar nam Badan, Beathachadh Cìche, Clann, Telebhisean Cearcall Dùinte, An Caisteal, Ag Ithe & Ag Òl, Taisbeanaidhean, Saor-làithean/ Dùnaidhean, Seòmar Ionnsachaidh, Uairean Fosglaidh, A’ Fosgladh Taobh a-muigh nan Uairean Fosglaidh, Ar Luchd-obrach, Togail dhealbhan/ Filmeadh, Taighean-beaga, Toilet Twinning

A’ FAIGHINN ANN

Tha Museum & Tasglann nan Eilean mu 15 mionaidean air chois no 5 mionaidean ann an carbaid bho meadhan baile Steòrnabhaigh agus tha e stèidhichte sa Gheàrraidh Chruaidh ri taobh Caisteal Leòdhais.

Is e an seòladh airson satnav: Museum & Tasglann nan Eilean, Lews Castle Grounds, Stornoway, Isle of Lewis, HS2 0XS

A’ Siubhal a Leòdhas

Tha plèanaichean Loganair. a’ siubhal gu dìreach gu Port Adhar Steòrnabhaigh bho Glaschu, Dùn Èideann agus Inbhir Nis.

Tha dà aiseag Calmac gach là a’ dol eadar Ullapul agus Steòrnabhagh agus eadar Ùig (An t-Eilean Sgitheanach) gu Tairbeart na Hearadh.

Ma tha thu a’ siubhal bho Uibhist & Barraigh gheibh thu aiseag eadar Beàrnaraigh gu an t-Òb (Na Hearadh). Tha mìosan an t-samhraidh air leth trang is tha e riatanach bucadh ro làimh

Stiùireadh

  • bhon phort-aiseig thèid gu stèisean nam bus, agus tionndaidh gu do làmh chlì a-steach dhan bhaile.  Tionndaidh gu do làmh cheart a-steach gu Sràid Choinnich, ri taobh ionad-ealain An Lanntair.  Aig a’ cheann eile de Shràid Choinnich tionndaidh gu do làmh cheart gu Sràid Cheann a’ Bhàigh.  Lean ort a’ coiseachd sìos Sràid Cheann a’ Bhàigh gus an ruig thu a’ chiad àite-luchd-coise a’ dol tarsainn gu Ionad na Drochaid.  Thèid tarsainn ann an seo agus air taobh clì Ionad na Drochaid chì thu drochaid tarsainn chun a’ Ghearraidh Chruaidh.  Thèid tarsainn air an drochaid agus suas na steapaichean, agus lean an staran tro na craobhan, agus aig a’ mhullach thèid chun an taoibh chlì.  Lean an staran gus an ruig thu an caisteal.  Tha doras Museum & Tasglann nan Eilean dìreach air do bheulaibh, seachad air doras a’ chaisteil.  Tha sinne san togalach ùr air cùl a’ chaisteil agus gheibh thu a-steach tro na dorais ghlainne, a tha fèin-fhosglach tro na h-uairean fosglaidh.
  • bhon phort-aiseig thèid chun ear thuath agus tionndaidh gus do làimh chlì gu An Iomair Sligeach. Aig a’ chearcall-rathaid gabh an 2na slighe gu Sràid Sheumais (A866).  Aig an ath chearcall rathaid thig dheth aig a’ 1d slighe gu Rathad MhicMhathain (B8027) agus lean ort airson 0.5 mìle. Aig a’ chearcall-rathaid gabh an 2na slighe gu Rathad MhicAmhlaigh agus an dèidh 140 slat tionndaidh gu do làimh chlì gu Rathad Ghleann Seileach agus tionndaidh anns a’ bhad gu do làimh chlì a-steach dhan Ghearraidh Chruaidh. Dràibh tron gheàrraidh airson 0.4 mìle a’ dol seachad air Raon Goilf Steòrnabhaigh agus Ionad Woodlands.  Aig a’ mhullach tha Caisteal Leòdhais agus Museum & Tasglann nan Eilean.  Tha raon pàircidh a’ mhuseum seachad air an t-slighe a-steach gu Caisteal Leòdhais ach mus ruig thu UHI Innse Gall.
  • ma tha thu a’ tighinn bho thaobh Na Hearadh gabh an 3s slighe aig a’ chearcall-rathaid an uair a ruigeas tu Steòrnabhagh (ma tha thu a’ tighinn bho cheann a tuath Leòdhais gabh an 2na slighe).  Aig an ath chearcall-rathaid gabh an 3s slighe gu Rathad MhicAmhlaigh agus an dèidh 140 slat tionndaidh gu Rathad Ghleann Seileach agus tionndaidh anns a’ bhad gu do làimh chlì a-steach dhan Ghearraidh Chruaidh. Aig a’ mhullach tha Caisteal Leòdhais agus Museum & Tasglann nan Eilean.  Tha raon pàircidh a’ mhuseum seachad air an t-slighe a-steach gu Caisteal Leòdhais ach mus ruig thu UHI Innse Gall.

A’ Pàirceadh

Tha a’ phàirc càraichean sònraichte againn seachad air an t-slighe a-steach dhan chaisteal.  Tha 38 àite ann.

  • Pàirceadh luchd-ciorraim – tha3 làraich comharraichte faisg air doras a’ mhuseum agus fear eile aig ceann a shìos a’ chiad bloca pàircidh.  Dèan cinnteach gun taisbean thu do Bhaidse Gorm.
  • Pàirceadh bus – thalàrach pàircidh faisg air doras a’ mhuseum far am faod daoine a thighinn far a’ bhus ach feumaidh an dràibhear fuireach sa charbaid gus gluasad ma dh’fheumas e.  Faodaidh na busaichean tionndadh agus pàirceadh aig ceann a shìos an dàrna bloca pàircidh. 
  • Baidhsagalan – tha racais baidhsagail air an t-slighe a-steach bhon phàirce chàraichean gu doras a’ mhuseum.  

Bi mothachail:  chan eil pàirceadh tron oidhche ceadaichte agus na bloc an làrach lodaidh air cùl an togalaich a tha air a chleachdadh airson stuth a lìbhrigeadh.

RÈ DO THURAS

Ruigsinneachd

Tha Museum & Tasglann nan Eilean mothachail gum bi feumalachdan fa leth aig gach neach-cleachdaidh agus tha sinn dealasach mu bhith a’ lùghdachadh bhacaidhean an dà chuid do chothrom fiosaigeach agus innleachdail gu ar cruinneachaidhean.

Tha luchd-obrach a’ Mhuseum ri làimh gus taic a thabhann dhan h-uile neach – aig an ionad fàilteachais agus sna gaileiridhean. Ma tha thu airson bruidhinn mu na feumalachdan inntrigidh agad mus tadhail thu cuir fios thugainn.

Tha toileat so-ruigsinneach air taobh chlì an ionad fàilteachais.  Tha cuibicealan so-ruigsinneach cuideachd anns na toileatan fireann agus boireann air taobh cheart an ionad fàilteachais. Gu mì-fhortanach aig an àm seo chan eil àite sònraichte againn airson inbhich a bhith ag atharrachadh an cuid aodaich.

Tha fàilte chun mhuseum air bheathaichean a tha a’ stiùireadh agus a’ toirt taic.  Bu chòir dhaibh a bhith air an trèanadh gu h-iomchaidh, air an stiùireadh agus còmhla ribh fad na h-ùine, agus bhiodh e math nam biodh comharra no acainn iomchaidh orra.

 

Tha raon de mhìneachadh sna gaileiridhean againn – rim faighinn sa Ghàidhlig agus Beurla – a’ gabhail a-steach pannalan teacsa, bùird-làimhe le fiosrachadh, filmichean lèir-chlaistinneach, siostaman claistinneach, geamannan eadar-obrachail agus buill-ealain.

Tha fo-thiotalan air na filmichean againn air fad (ach an 360 ceum sa chiad ghaileiridh anns nach eil ach fuaimean nàdarra na gaoith, an t-uisge agus eòin a’ ceilearadh).

Tha goireas claisneachd ri fhaotainn ann.  Tha frèam meudachaidh ri fhaighinn le iarraidh do neach sam bith a dh’iarras e ma tha feum aca air.  Iarraibh seo air ball den sgioba obrach.

Nam b’ fheàrr leat tadhal aig àm an uair a tha cùisean nas sàmhaich cuir fios thugainn ro làimh gus an toir sinn comhairle dhuibh mun àm as fheàrr den là.

Tha suidheachain sa mhòr chuid de na gaileiridhean agus san trannsa fhada airson neach sam bith a tha airson fois a ghabhail.  Tha cuideachd stùil aotrom a ghabhas am pasgadh ann a dh’fhaodas tu a chleachdadh sna gaileiridhean.

Tha an togalach air fad air aon làr agus gheibhear air fheadh le cathair-cuibhle. Tha aon chathair-cuibhle ann a dh’fhaodas luchd-tadhail a chleachdadh – faighnich aig an ionad fàilteachais.

Cead a-steach

Thathar a’ sùileachadh tabhartas airson a dhol a-steach dhan mhuseum.  Thathar a’ moladh tabhartas £5 bho gach neach. 

Tha sinn gu mòr a’ cur luach air gach tabhartas.

Bidh an t-airgead air fad a bheir thu seachad air a chosg air pròiseactan sònraichte, nithean ùra a gheibh sinn agus glèidhteachas ar cruinneachaidhean.

Seòmar nam Badan

Tha seo ri fhaotainn san toileat so-ruigsinneach air taobh chlì an ionad fàilteachais. Tha goireas ri fhaotainn cuideachd far a bheil an cafaidh.

Beathachadh Cìche

Tha fàilte air a chur air luchd-tadhail a bhith a’ beathachadh air a’ chìch ann an àite sam bith.

Clann

Feumaidh inbheach a bhith còmhla ri clann a tha fo aois 12.

Gheibh thu barrachd a-mach mu ghnìomhan agus rudan a chì agus a nì thu sa mhuseum le Teaghlaichean agus Daoine Òga an seo.

Telebhisean Cearcall Dùinte

Tha CCTV air a chleachdadh tro Mhuseum & Tasglann nan Eilean; tha ìomhaighean air an clàradh airson sàbhailteachd phoblach agus a bhith a’ cur bacadh air eucoir, a rèir reachdas Dìon Dàta.

An Caisteal

Tha an caisteal ri taobh Museum & Tasglann nan Eilean agus air a ruith le Together Travel. Tha an làr ìosal fosgailte dhan phoball agus tha na làir as àirde a-mhàin airson an luchd-còmhnaidh.  Tadhail air làrach-lìn Together Travel gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu ghoireasan a’ chaisteil agus gus bucadh.

Ag Ithe & Ag Òl

Gus na cruinneachaidhean a dhìon chan eil biadh no deoch ceadaichte sna gaileiridhean.  Ith do bhiadh air fad mus tig thu a-steach dhan mhuseum.

Is e Together Travel a tha a’ ruith an Storehouse Café, sa chaisteal, agus tha doras a-steach ann bhon mhuseum airson ur feuman sàsachaidh.

Taisbeanaidhean  

Tha trì gaileiridhean taisbeanaidh maireannach ann:

  • Dùthchas – is e film bogaidh a tha seo a tha a’ còrdadh gu mòr ri mòran de ar luchd-tadhail. Tha an fhilm a’ toirt cothrom dhut na seallaidhean-tìre a tha sìor-atharrachadh air feadh Innse Gall fhaicinn eadar a’ mhòinteach, a’ mhachair, na croitean agus na seallaidhean-mara.  Tha e cuideachd a’ sealltainn mar a tha an aimsir ag atharrachadh – le sin ged a thigeadh tu a-steach air là fuar fliuch gheibh thu a-mach cò ris a tha na h-eileanan coltach air là brèagha grianach.
  • Eileanaich – tha an gaileiridh seo a’ cuimseachadh air muinntir nan eilean.  Sna briathran aca fhèin innsidh iad dhut mu cò ris a tha beatha air na h-eileanan coltach seach na ro-bharailean a bhios aig daoine.  Is ann an seo cuideachd a gheibh thu a-mach càite a bheil na Comainn Eachdraidh a tha air feadh nan eilean.  
  • Blas nan Eilean – is e seo am prìomh ghaileiridh agus tha ceithir earrannan ann stèidhichte air an Talamh, am Muir, a’ Bheatha Obrach agus Beatha sa Choimhearsnachd.

Aig ceann a shìos a’ mhuseum tha:

  • Gaileiridh nan Taisbeanaidhean Spèisealta – is ann sa ghaileiridh seo a bhios taisbeanaidhean sealach air an ullachadh air cuspairean ionadail àmail no taisbeanaidhean a bhios air chuairt bho mhuseuman no buidhnean eile.

Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu dè a bhios ann an uair a bhios tu a’ tadhal thoir sùil air an earrann Dè tha Dol.

Saor-làithean | Dùnaidhean

Tha Museum & Tasglann nan Eilean dùinte gach bliadhna air Là na Nollaig, Là Fhèill Steaphain, 1d Faoilleach agus 2na Faoilleach agus na trì làithean obrach eatarra. 

Tha sinn fosgailte air Dihaoine na Ceusta agus air làithean-saora poblach ionadail an t-samhraidh.

Bidh dùnaidhean sam bith eile air an sanasachd an seo agus air ar duilleag facebook.

Seòmar Ionnsachaidh

Is e seo far am bi mòran de na gnìomhan agus na tachartasan a’ gabhail àite.  Tha e air taobh eile a’ chùirt-lios faisg air an ionad-fàilteachais.  Tha toileatan agus preasan glaiste ann a-mhàin airson luchd-frithealaidh thachartasan.

Ma tha thu airson an t-seòmar seo fhastadh airson an tachartas agad fhèin faic an ceangal seo.

Uairean Fosglaidh

Tron Àrd Shèasan (Giblean – Sultain)

Dimàirt – Disathairne 10m – 5f; Là na Sàbaid-Diluain | dùinte

Tron t-Sèasan Ìosal (Dàmhair – Màrt)

Dimàirt – Disathairne 1f – 4f; Là na Sàbaid-Diluain | dùinte

A’ Fosgladh Taobh a-muigh nan Uairean Fosglaidh

Ma tha thu airson faighinn a-mach mu fosgladh airson buidheann taobh a-muigh nan uairean sin cuir fios thugainn airson prìs.

Ar Luchd-obrach

Tha an luchd-obrach againn air fad air an comharrachadh le bràistean CNES.  Bidh Luchd-taic airson luchd-tadhail aig an ionad-fàilteachais agus sna gaileiridhean gus fàilte a chur ort agus gus ceistean sam bith a tha agad a fhreagairt airson dèanamh cinnteach gum bi cuairt shàbhailte agus thlachdmhor agad. Bidh cuideachd Manaidsear Diùtaidh ann an uair a tha sinn fosgailte don phoball.

Cha chuir sinn suas ri droch-dhìol no fòirneart an aghaidh luchd-tadhail, cunnradair no ri neach sam bith de ar luchd-obrach.

Togail dhealbhan | Filmeadh

Tha e ceadaichte do luchd-tadhail camarathan-làimhe a chleachdadh sa mhuseum airson adhbharan prìobhaideach no neo-choimeirsealta, ach chan fhaodar:

  • Solas-boillsgidh a chleachdadh
  • Camarathan a chleachdadh ann an àite sam bith far a bheil bhidio no togail dhealbhan cuingealaichte (bidh seo air a chomharrachadh gu soilleir)
  • Clàradh sam bith no togail dhealbh de dhuine sam bith gun chead on neach sin. 

Cleachdadh neo-phrìobhaideach no coimeirsealta de chamarathan/innealan clàraidh, agus cleachdadh de innealan trì-chasach no solais, air a chleachdadh a-mhàin le ullachadh ro-làimh. Faic an ceangal seo.

Bidh sinn an-còmhnaidh ag innse do luchd-tadhail ma bhios filmeadh no togail dhealbhan a’ tachairt sa mhuseum rè an cuairt. 

Taighean-beaga

Tha toileatan poblach air taobh cheart an ionad fàilteachais.  Tha toileat so-ruigsinneach air taobh clì an ionad fàilteachais. Tha toileatan cuideachd sa chafaidh an ath dhoras. 

Is e Museum & Tasglann nan Eilean aon de thogalaichean poblach Chomhairle nan Eilean Siar a tha a’ com-pàirteachadh ann an sgeama gus stuthan slàinteil a thabhann an-asgaidh.  Tha na stuthan, a’ gabhail a-steach tamponan agus padan, rim faotainn ann am bagannan air dubhain chòtaichean sna cuibicealan agus tha cuireadh air a thoirt na tha iad ag iarraidh a thoirt leotha.

Tha an t-iomairt seo air a sponsaireadh le Riaghaltas na h-Alba, COSLA & Young Scot

Toilet Twinning

Ged a tha e a’ faireachdainn caran neònach, tha toileatan a’ Mhuseum & Tasglann air an ceangal ri toileatan eile: tha Toileatan nam Boireannach air an ceangal ri toileat ann am Poblachd Dheamocratach na Congo agus toileat nam fear ri toileat ann an Honduras.

Tha sinn fortanach gu bheil deagh shlàintealachd agus uisge glan againn airson òl, ach tha aon neach a-mach à ceathrar air feadh an t-saoghail aig nach eil àite sàbhailte, prìobhaideach no slàinteachail airson a dhol dhan toileat.  Tha a’ bhuaidh daonna agus eaconamach aig a seo uabhasach mòr.  Tha leanabh a’ bàsachadh a h-uile dà mhionaid le tinneas co-cheangailte ri slàinteachas.

Mar sin an uair a thadhlas tu air a’ Mhuseum & Tasglann, coimhead a-mach airson nan dealbhan frèamaichte de na toileatan a tha ceangailte ri chèile, agus ma chosgas tu sgillinn, beachdaich air tabhartas eile a thoirt dhuinn.  Cha dèan sinn dìmeas air an tabhartas as lugha, oir tha gach £1 a thèid a chosg air slàinteachas a’ buannachadh £5.50 tro slàinte agus tarbhachd nas fheàrr. 

Tha na taighean-beaga againn a tha co-cheangailte a’ cuideachadh ann a bhith a’ cur às do bhochdainn!

Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhail air www.toilettwinning.org.

This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more