Cruinneachadh Chroitearachd
Tha croitearachd na phàirt bhunaiteach de bheatha na coimhearsnachd ann an Innse Gall (cho math ri pàirtean eile de dh’Alba) agus cuideachd a’ cur gu mòr ris an t-sealladh-tìre àrainneachdail ionadail agus bith-iomadachd. Is e siostam gabhaltas-fearainn a tha ann, aig a bheil reachdas sònraichte on chaidh Achd na Croitearachd 1866 aontachadh (agus Achdan eile on uair sin), a tha a’ daingneachadh còir-gabhaltais nan croitearan.
Na Fuadaichean
Ro Achd na Croitearachd bha mòran dhaoine air am fuadach bho na croitean aca agus bho na h-eileanan le làmhachas làidir, gus àite a dhèanamh airson caoraich a bhiodh na bu prothaidich do na h-uachdarain na bhiodh daoine. An dèidh crìonadh gnìomhachas a’ cheilp tràth sna 1800an bha mòran sna h-eileanan a bha an urra ris airson nam màil aca a phàigheadh agus airson biadh a chumail rin teaghlaichean, a-cheana ann am bochdainn agus mar sin b’ fheudar mòran dhiubh eilthireadh a dhèanamh tro fhòirneart no airson adhbharan eaconamach.
Ghabh Na Fuadaichean sna 1800an àite air feadh Innse Gall air fad agus mar sin tha e mar chuspair airson a h-uile eilean. Fuadaichean – Ceann a Deas na Hearadh (1837) leis an Iarla Dunmore, Blàr Sholais, Fuadaichean Uibhist a Tuath (1849) leis an Iarla Godfrey MacDhòmhnaill Shlèite, Baile nam Bodach (Barraigh 1850) & Uibhist a Deas (1851) na dhà air an dèanamh leis a’ Cholonail Iain Gòrdan à Cluanaidh, Aimhreit Bheàrnaraigh, Leòdhas (1874) a lean gu fir Bheàrnaraigh a bhith a’ mèarrsadh gu Caisteal Leòdhais, A’ Phàirc ann an Leòdhas (1887), agus Aignis (1888) gun a bhith ag ainmeachadh ach beagan.
Rèidean an Fhearainn
Bha Achd Suidheachadh an Fhearainn an Alba 1919 ag amas air a bhith ag ath-shuidheachadh sluagh an dèidh a’ Chiad Chogaidh tro bhith a’ cruthachadh gabhaltasan beaga agus croitean. Ann an co-rèir ri àireamh-sluaigh na roinne, chuir a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan gu mòr ri àireamhan nam fear a chlàr airson WW1. Chaidh aontachadh gun deigheadh fearann a thoirt do na fir a thilleadh bho sheirbheis, ach cha robh an fheadhainn aig an robh am fearann uabhasach dèidheil air sin a dhèanamh agus dh’fheuch iad a h-uile seòrsa innleachd airson bacadh no stad gu tur a chur air seo.
Bha na fir a bha san t-seirbheis airson ’s gum faigheadh iad na chaidh a ghealltainn dhaibh gus am b’ urrainn dhaibh taighean a thogail, bàrr a chur agus sprèidh a bhith aca gus biadh a chumail ris na teaghlaichean aca. Mu dheireadh thall ruith foighidinn a-mach dhan fheadhainn às na seirbheisean a bha air tilleadh dhachaigh agus ghabh iad cùisean nan làmhan fhèin!
Ach cha b’ e iad seo a’ chiad eisimpleirean de rèidean an fhearainn a bha air tachairt ann an Alba. Thathar dhan bheachd gur e a’ chiad fhear a thachair sna h-eileanan Rèidean Fearainn Bhatarsaigh ann an 1906.
Ghabh rèidean fearainn eile àite ann an Gleann Dail ann an Uibhist a Deas (1918), Griais ann an Leòdhas (1919-21), Paiblisgearraidh / Baile Raghnaill ann an Uibhist a Tuath (1921) agus Baile nan Cailleach ann am Beinn na Faoghla (1923). Ghabh an Rèid Fearainn mu dheireadh ann an Alba àite ann an Uibhist a Tuath aig Tac Bhaile an Lòin, san t-Samhain 1952.
Tha càirn air a bhith air an togail air feadh nan eilean a’ comharrachadh an t-strì gharbh a chaidh a dhèanamh airson còraichean fearainn nan eileanach agus an t-strì airson ath-leasachadh lagh an fhearainn.
Sa chruinneachadh tha nithean a tha a’ buntainn ri croitearachd, a’ mhòr chuid dhiubh a chaidh a dhèanamh leis na croitearan iad fhèin, ach a-mhàin nan nithean iarrainn a bhiodh air an dèanamh leis a’ ghobha ionadail no le ceàrdan a bhiodh a’ dol mun cuairt. Tha cuideachd grunn nithean againn a tha a’ riochdachadh beatha chroitearachd thar nan ginealach.
Gu h-ìosal tha eisimpleirean de na nithean a tha sa chruinneachadh.