Cruinneachadh Ealain
Tha na cruinneachaidhean ealain lèirsinneach againn beag, a’ soillseachadh an t-àite cuingealaichte a bha aig na h-ealain dealbhachaidh sa chultar ionadail san àm a dh’fhalbh. Tha cruinneachadh beag ann de dhealbhan air am peantadh agus priontan, gu ìre mhòr dealbhan de dh’urramaich catharra agus daoine ionadail, a chaidh fhaighinn bho Chomhairle Baile Steòrnabhaigh a tha a-nis air a dhol à bith. Chaidh dhà no trì dhealbhan na bu mhotha a chaidh an dèanamh le ola fhaighinn bho Caisteal Leòdhais, a chaidh a thogail ann am meadhan na naoidheamh linn deug leis an Ridire Seumas MacMhathain, aig an robh Eilean Leòdhais.
Is e am prìomh nì sa chruinneachadh bheag dà dhealbh de chaladh agus baile Steòrnabhaigh, a chaidh am peantadh ann an 1798 le Seumas Barrer, prìomh pheantair aig Ospadal Chelsea, Lunnainn. ‘A View of the Village of Stornaway with a Shooting Lodge of the Isle of Lewes’ a tha a’ sealltainn a’ bhaile aig àm cudromach na eachdraidh; leis an iasgach agus gnìomhachas an iasgaich a’ fàs. Tha an dealbh a’ sealltainn caladh trang gus seo a chomharrachadh agus am baile beag agus na toglaichean a tha ann.
An coimeas ri seo, tha dà dhealbh ann a dh’fhaodar am meas mar sheudan beaga a rinneadh le neach-ealain amaitearach ionadail a bha sgileil, Raibeart Grannd Masson. Bha Masson gnìomhach mu mheadhan na naoidheamh linn deug agus tha grunnan phìos-obrach a rinn e fhathast rim faighinn gu h-ionadail. Is e aon dhiubh sin a tha sa chruinneachadh againn, dealbh de Thòmas MacAoidh, a bha na phìobaire do dh’uachdaran an eilein, an Ridire Seumas MacMhathain, agus a bha ag obair air an oighreachd. Is e dealbh air leth math de cheann a-staigh a’ chalaidh agus am baile mu1840 a tha san fhear eile. Chan eil na sgilean peantaidh a bha aig Seumas Barret sna dealbhan sin, ach tha iad cudromach a thaobh eachdraidh Steòrnabhaigh.
Tha am museum a’ leantainn air a’ cruinneachadh obair-ealain, gu h-àraidh feadhainn a tha co-cheangailte ris an t-sealladh-tìre agus an eachdraidh aige.
Gu h-ìosal tha eisimpleir bhon chruinneachadh againn.