Cruinneachadh Uilleam Iain Gibson

B’ e Uilleam Iain Gibson OBE (mu 1865-1944) a’ chiad reactor a bha air Sgoil MhicNeacail bho 1894 gu 1925. Chaidh an cruinneachadh a thoirt mar dhìleab don mhuseum leis an nighinn aige A’ Bhan-tighearna Sìne Urchardan agus tha e a’ toirt deagh dhealbh chudromach air beatha ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais agus air sgìre nas fharsainge na sin. 

Bhiodh an teaghlach Gibson a’ sgrìobhadh gu chèile gu tric, gu sònraichte an uair a dh’fhàg Sìne Gibson Steòrnabhagh gus a dhol gu Oilthigh Obar Dheathain san Dàmhair 1916, agus tha na litrichean a’ toirt dealbh pearsanta agus gu tric dealbh èibhinn a thaobh eachdraidh shòisealta a’ bhaile, cho math ri leasachaidhean co-cheangailte ri foghlam san sgoil.  Rinn Mgr agus a’ Bh-ph Gibson oidhirp mhòr a bhith a’ sgrìobhadh gu feadhainn a bha air a bhith nan sgoilearan agus a bha a’ frithealadh sna sreathan toisich tron Chogadh Mhòr agus tha na litrichean sin mar theisteanas air an ìobairt mhòr a rinn na h-eileanan san t-strì a bha seo.

Tha mòran dha na litrichean sa chruinneachadh seo agus aistean a chaidh an sgrìobhadh le sgoilearan mu thaobhan de bheatha ann an Leòdhas air a bhith air an cur ann an riochd didseatach agus air an tar-sgrìobhadh. Tha cuid dhiubh rim faicinn air a’ bhlog againn.  Tha mòran de na dealbhan bhon chruinneachadh cuideachd air an cur ann an riochd didseatach.   

Dealbh stiùidio de W J Gibson (1865-1944), a’ chiad Reactor a bha air Sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh

Tha na h-earrannan/sreathan a leanas sa chruinneachadh:

  • 1992.50.1-5               Buinn 1909-1926
  • 1992.50.6-39             Foillseachaidhean agus Stuth air a Leth-fhoillseachadh 1857-1946
  • 1992.50.40-43           Taghadh de Sgrìobhaidhean mu 1883- mu 1940
  • 1992.50.44-48           Obair-sgoile Sgoilearan Sgoil MhicNeacail 1905-1910
  • 1992.50.49-51           A’ Siubhal 1926-1940
  • 1992.50.52-55          Measgachadh de Sgrìobhainnean 1885-1932
  • 1992.50.56-62          Foghlam agus Dreuchd 1884-1922
  • 1992.50.63               Litrichean: sgrìobhaidhean teaghlaich (teaghlaichean Gibson & Laird) 1874-1921
  • 1992.50.64.i-ix         Litrichean bho Mgr agus Bh-ph Gibson gu Sìne Gibson 1916-1926
  • 1992.50.65               Litrichean bho Mgr Gibson gu Sìne is e air chuairt 1928-1930
  • 1992.50.66               Litrichean bho Sìne Gibson gu a pàrantan 1915-1923
  • 1992.50.67                Litrichean bho Harry K L Simpson gu WJ Gibson 1884-1890
  • 1992.50.68                Litrichean & cairtean-puist bho charaidean & eòlaich 1890-1905
  • 1992.50.69                Sgrìobhaidhean mu chùisean sgoile gu WJ Gibson 1902-1916
  • 1992.50.70                Sgrìobhaidhean bho sgoilearan a bha air seirbheis gnìomhach 1914-1917
  • 1992.50.71                Sgrìobhaidhean sgoilearan (ach nach robh air seirbheis gnìomhach) 1915-17
  • 1992.50.72                Leabhar litrichean bhon Bh-ph Gibson gu Mgr Gibson 1884-1888
  • 1992.50.73-129        Dealbhan: Teaghlach agus Caraidean
  • 1992.50.130-144      Dealbhan: Steòrnabhagh agus Leòdhas
  • 1992.50.145-195      Dealbhan Sgoile
  • 1992.50.196-199      Dealbhan an Airm
  • 1992.50.200-203      Dealbhan: Siubhal agus Geòlas
  • 1992.50.204-242      Sgrìobhainnean mu bhàs dà chìobair air Rònaigh, 1885

Faodar catalog nas motha a luchdachadh sìos an seo.

Ìomhaighean Sgoile

Gu h-ìosal tha eisimpleir bhon chruinneachadh againn.

Dèan clioc air na h-ìomhaighean gu h-ìosal gus a dhol tron ghaileiridh ìomhaighean againn:

This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more