Cruinneachaidhean Mara
Tha iasgach Innse Gall air a dheagh riochdachadh sna cruinneachaidhean againn, agus is e an eisimpleir as sine de bhàta Griomasach aon de na h-eisimpleirean as suaicheanta agus as cudromaich a tha air fhàgail den àm a bhathar a’ cleachdadh eathraichean fosgailte ann an iasgach na h-Alba. Ach, tha an gnìomhachas air a riochdachadh gu mòr le nithean a tha tòrr nas lugha, mar steansailean bharaillean-sgadain no snàthad lìn air a dèanamh bho chnàimh agus a-rithist, tha mòran dhiubh sin air an dèanamh bho stuthan ath-chuairtichte no geàrr-shaoghalach. Bha craicinn-chaorach air an cleachdadh mar phutan airson lìn-iasgaich agus clèibh-ghiomach. Bha na clèibh iad fhèin air am fighe aig an taigh bho sheileach a bha a’ fàs mun cuairt. Bha na dìonadairean air an dèanamh de ròpa de shràbh air a thoinnibh, no bho muran.
Tha modailean den Mhùirneag agus an HMS Lively cudromach gu nàiseanta. B’ e a’ Mhùirneag an “Zulu” traidiseanta mu dheireadh a bha ann – am bàta-siùil a bu bhrìgheile co-cheangailte ri bliadhnaichean mòra iasgach an sgadain. Tha an HMS Lively co-cheangailte ri Cogadh nan Croitear agus ri Coimisean Napier sna 1880an, tachartasan a thug cumadh, chan ann a-mhàin air pàtran tuineachaidh nan eilean ach air Gàidhealtachd na h-Alba air fad cuideachd.
Tha seata dhealbhan blueprint den Mhùirneag a rinn Harold A Underhill ann an Tasglann nan Eilean.
Tha cuideachd grunnan mhodailean de bhàtaichean nas lugha againn a tha a’ gabhail a-steach bàtaichean iasgaich ionadail cho math ri Pufair à Cluaidh a tha an-dràsta air a thaisbeanadh ann an Steòrnabhagh. O chionn ghoirid chaidh modail a thoirt dhuinn mar thiodhlac den Maersk Winner leis a’ Chaiptean Alasdair MacArtair a bha air a threànadh aig Colaisde a’ Chaisteil mar ullachadh airson beatha-obrach sa nèibhidh mharsanta.
Gu h-ìosal tha eisimpleirean bhon chruinneachadh againn.