Cruinneachadh Urras Taigh-tasgaidh Leòdhais

Dr Donald ‘Dolly’ Macdonald (1891-1961), founder of the Lewis and Harris Folk Museum Society which became the Lewis Museum Trust.

Rugadh an Dr Dòmhnall Dòmhnallach (1891-1961), ris an canar Dolaidh Dotair, ann an Steòrnabhagh agus an dèidh dreuchd shoirbheachail ann an Lunnainn leig e dheth a dhreuchd agus thill e air ais a Leòdhas, agus bha e a’ fuireach ann an Ùig. Bha e gu mòr an sàs sa Ghàidhlig agus ann an cultar an eilein agus thòisich e a’ cruinneachadh arc-eòlas cuideachd agus innealan agus nithean a bha a’ dol a-mach à cleachdadh.

Bha e dèidheil air a bhith a’ togail dhealbh agus bhiodh e a’ siubhal timcheall nan sgìrean dùthchail a’ togail dhealbhan taobh a-staigh thaighean agus a-muigh air an fhearann.  B’ e an t-amas a bha aige taigh-tasgaidh a stèidheachadh sa Ghearraidh Chruaidh agus chuir e air chois Comunn Taigh-tasgaidh Leòdhais is Na Hearadh gus seo a dhèanamh comasach. Gus airgead a thogail airson a’ phròiseact seo chùm e taisbeanaidhean poblach de na dealbhan aige a bha ann an riochd phleataichean glainne agus bha iad air an sealltainn le bhith a’ cleachdadh lanntair sheunta.

Gu mì-fhortanach chaochail Dolaidh Dotair mus deach an amas aige a choileanadh.  Dh’atharraich Comunn Taigh-tasgaidh Leòdhais is Na Hearadh gu bhith na Urras Taigh-tasgaidh Leòdhais, agus ann an 1983 le aonta ris an Urras, thàinig Museum nan Eilean gu bhith a’ gabhail cùram agus rianachd a’ chruinneachaidh iongantaich seo.   

Gu h-ìosal tha eisimpleirean bho’n chruinneachadh

Dèan clioc air na h-ìomhaighean gu h-ìosal gus a dhol tron ghaileiridh ìomhaighean againn:

This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more