Cruinneachadh Hiort

Tha an raon cruinneachaidh againn a’ gabhail a-steach Hiort a tha na Làrach Dualchas na Cruinne dùbailte, agus a tha na laighe 50 mìle air taobh siar Uibhist a Tuath is a tha ann am paraiste Na Hearadh. 

Tha cruinneachaidhean arc-eòlais agus nithean pearsanta againn à Hiort a tha a’ foillseachadh an dòigh-beatha, a’ gabhail a-steach a’ ghnìomhachais turasachd a dh’fhàs suas ann an sin an dèidh dha George Washington Wilson (1823-1893) tadhal air. B’ e neach-deilbh coimeirsealta a bh’ ann am Washington Wilson à Obar Dheathain agus bha an obair aige a’ gabhail a-steach nan dealbhan ainmeil de phàrlamaid Hiort a tha fhathast a’ tàladh mìltean de dhaoine gu na h-eileanan agus a’ cruthachadh ùidh mhòr ann an Hiort. 

Tha leabhar dhealbhan camara ann a chaidh ullachadh leis an Daily Mirror ann an 1912. Is e Hiort an t-eilean as iomallaiche agus as uaigniche de na h-eileanan far chosta Bhreatainn.  Thòisich conaltraidhean ri tìr mòr a’ tighinn air adhart tron 19mh linn agus mheudaich cuairtean air bàtaichean thuige tron t-samhradh.  Thòisich tràlairean à Obar Dheathain agus Fleetwood ag iasgach mun cuairt air.

Ach, dh’fhaodadh siostaman stoirm a’ Chuain Shiair na h-eileanan a ghearradh dheth fad mhìosan, agus cha bhiodh e comasach dhan t-sluagh bheag a bha ann fios fhaighinn a-mach chun t-saoghail mhòir mu dhroch thubaist sam bith.  Air an 18mh den Chèitean, chaidh Caiptean tràlair air tìr ann an Obar Dheathain leis an naidheachd gun robh muinntir Hiort gus bàsachadh leis an acras.  Bha droch shìde air bacadh a chur air conaltradh ris an eilean airson còrr air ceithir mìosan agus bha am biadh gus ruith a-mach.  Ràinig an naidheachd Lunnainn na b’ anmoich air an fheasgar sin.  Ghlac an Daily Mirror an sgeula agus anns a’ bhad thòisich iad a’ cur turas faochaidh air dòigh le lighiche, neach-naidheachd agus neach togail-dheilbh na chois. Tha an leabhar dheilbh a‘ toirt dealbh iongantach seachad mu bheatha air Hiort fichead bliadhna mus do dh’fhàg na daoine an t-eilean, cho math ri tuigse air na bha pàipear Lunnainn a‘ smaoineachadh a bha muinntir Hiort a‘ cur feum air. 

Tha cruinneachaidhean tasglainn cuideachd ann an Tasglann nan Eilean co-cheangailte ri Hiort a tha a’ gabhail a-steach leabhar-clàraidh na sgoile, leabhar-loga Hiort (a tha ann an riochd didseatach agus a dh’fhaodar fhaighinn an seo), agus na clàran de Bhòrd Sgoile Na Hearadh agus Comhairle Paraiste Na Hearadh, agus an raon-ùghdarrais aca a‘ gabhail a-steach Hiort. Tha stòr-dàta an tasglainn cuideachd a‘ gabhail a-steach fiosrachadh mu chruinneachaidhean tasglainn eile co-cheangailte ri Hiort a tha air an cumail le buidhnean eile. 

Gu h-ìosal tha eisimpleirean bhon chruinneachadh againn.

Dèan clioc air na h-ìomhaighean gu h-ìosal gus a dhol tron ghaileiridh ìomhaighean againn:

This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more