
Cruinneachadh Aodaich & Culaidh
Sa chruinneachadh aodaich agus chulaidh againn tha deagh thaghadh de phàtrain traidiseanta agus aodach air a dhath le crotal agus planntrais ionadail eile. Tha snìomh san dachaigh air a dheagh riochdachadh, le eisimpleirean de dh’innealan snìomh air an dèanamh bho fhiodh agus bun chraobhan.
Ged a thathar a’ meas gur e an Clò Hearach an gnìomhachas fighe-aodaich a tha traidiseanta do dh’Innse Gall, chan e sin an t-aon fhear a bha ann. Anmoch san 18mh linn, bhrosnaich Bh-ph NicChoinnich, bean uachdaran Leòdhais, a bhith a’ fàs lìon agus chuir i air chois gnìomhachas a bha a’ fighe aodach-lìn gus cothrom a thoirt air teachd a-steach do na sgìrean dùthchail.
Tha anart no aodach-lìn air fhighe le bhith a’ cleachdadh snàithlein-lìn, agus is e pròiseas fada a tha an lùib a bhith ga dhèanamh oir feumar fhàs, a bhuain, a sgrìobadh, a sguidseadh, a shnìomh, fhighe, a ghealachadh agus a dhath. Mar sin, aig an àm cha robh e soirbheachail. Ach, bho 1996 tha anart air a bhith air ullachadh gu soirbheachail air Eilean Sgalpaigh.
Chan àbhaist dha Innse Gall a bhith sna cinn-naidheachd ri taobh Milan, Paris no New York a thaobh fasan. Ach, tha obair-dealbhachaidh agus aodach-fighte bho Innse Gall air a bhith air cuid de na stèidichean fasain as ainmeile air feadh an t-saoghail.
Tha an Clòr Hearach no an Clò Mòr, air a bhith air duilleagan Vogue, air a bhith air rionnagan film mar Ben Affleck, agus air brosnachadh Vivienne Westwood, Henry Holland agus dealbhadairean ionadail mar Sandra Mhoireach agus Netty Sopata. Agus, tha anart a chaidh ullachadh air Eilean Sgalpaigh Na Hearadh, air a bhith ann am filmichean Hollywood mar The Hobbit: An Unexpected Journey, air an stèidse ann am Broadway, agus tha e cuideachd air a bhith air luchd-ciùil leithid KT Tunstall.
Tha ceangal air a bhith aig a’ Chlò Hearach airson ùine fhada ris an teaghlach rìoghail on dh’innis Duchess Dunmore, uachdaran Na Hearadh agus a stèidhich gnìomhachas a’ Chlò Hearaich, mu dheidhinn do dhaoine a bha an lùib Lùchairt Bhuckingham an uair a bha i ag obair ann an sin ann am meadhan nan 1800an. Tha dealbhan air a bhith air an togail de mhòran dhaoine rìoghail ainmeil, eadar Rìgh Eideard VIII agus a’ Bhanrigh Ealasaid II agus An Rìgh Teàrlach III, le aodach air a dhèanamh le Clò Hearach orra.
Faic an duilleag seo airson tuilleadh fiosrachaidh mun Chruinneachadh Clò Hearach againn.
Gu h-ìosal tha eisimpleirean bhon chruinneachadh againn.
Dèan clioc air na h-ìomhaighean gu h-ìosal gus a dhol tron ghaileiridh ìomhaighean againn:
























