Comunn Eachdraidh Bharraidh agus Bhatarsaidh
Chaidh Comunn Eachdraidh Bharraidh agus Bhatarsaidh a stèidheachadh ann an 1995 airson dualchas Bharraidh agus Bhatarsaidh agus na h-eileanan beaga ri deas a ghleidheadh.
Opening times: seasonal - refer to website of Barra Heritage & Cultural Centre for further details.
Admission: £6.00 for adults; under 14 year olds free
Làrach-lìnSeòladh
Dualchas
Barra Heritage Centre
Castlebay
Isle of Barra
HS9 5XD
Fòn
01871 810413
Post-d
barraheritage10@outlook.comMun bhuidheann seo
Chaidh Comunn Eachdraidh Bharraidh agus Bhatarsaidh a stèidheachadh ann an 1995 airson dualchas Bharraidh agus Bhatarsaidh agus na h-eileanan beaga ri deas a ghleidheadh. Bidh an Comunn Eachdraidh a cruinneachadh innleachdas, clàran, dealbhan agus fiosrachadh a tha a’ buntainn ris na h-Eileanan sin agus a’ cur air adhart prògram de thaisbeanaidhean, seallaidhean agus tachartasan san Ionad Dualchais aca ann am Bàgh a’ Chaisteil. Thathar cuideachd a’ toirt seachad fiosrachadh mu shloinntireachd.
Cruinneachaidhean
- Dealbhan
- Faidhlichean air cuspairean ionadail
- Clàran Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil 1940-1962 (chan eil seo a’ gabhail a-steach leabhraichean latha no clàran sgoilearan)
- Clàran sgoilearan, clàran frithealaidh agus leabhraichean latha airson Sgoil Bhaile na Creige 1875-2002
- Clàran làitheil, clàran sgoilearan agus litrichean nan Ceannardan-sgoile airson Sgoil Ghrinn 1910-19999
- Clàran sgoilearan airson Sgoil Mhiughalaigh 1889-1894 agus Sgoil Bhatarsaigh 1910-1928
- Leabhar-airgid a’ Cho-op le D MacAmhlaigh 1920-1921
- Clàran Bòrd Taighean-solais a’ Chinn a Tuath 1896-1933