Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh
Tha Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh stèidhichte ann an Taigh an Nurs air an eilean. Tha Taigh an Nurs fosgailte tron t-samhradh airson daoine a thighinn a dh’fhaicinn nan taisbeanaidhean fad-ùine agus geàrr-ùine.
May - August 11am - 3pm. Other times by arrangement.
Gheibhear a-steach le tabhartas
Làrach-lìnSeòladh
The Nurse's Cottage
Backhill
Berneray
HS6 5BD
Fòn
N/A
Post-d
info@bernerayhistorical.comMun bhuidheann seo
Tha Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh stèidhichte ann an Taigh an Nurs air an eilean. Tha an comann air a structaradh mar Bhuidheann Carthannais Corpaichte Albannach (SCIO) agus air a rianachd le comataidh saor-thoileach. Tha a’ bhallrachd a’ gabhail a-steach daoine a tha a’ fuireach air an eilean cho math ri feadhainn a tha air tìr-mòr agus thall thairis.
Tha Taigh an Nurs fosgailte tron t-samhradh airson daoine a thighinn a dh’fhaicinn nan taisbeanaidhean fad-ùine agus geàrr-ùine. Tha na cruinneachaidhean air a bhith air an leudachadh agus air cur riutha tro ghrunnan phròiseactan soirbheachail thar nam bliadhnachan. Tha stòr-dàta sloinnteachail mòr agus iomadh dealbh ann, cho math ri beagan innleachdas. Tha loidhne-tìm a’ ruith tron phrìomh sheòmar taisbeanadh eachdraidh le grunnan frèam le teacsa agus ìomhaighean a’ cuimseachadh air taobhan sònraichte de eachdraidh agus cultar an eilein. Tha leabhraichean ann airson an ceannach, a’ dèiligeadh an dà chuid ri eachdraidh agus nàdar an eilein. An uair a bhios Taigh an When open, Nurs fosgailte, bidh sgioba de dhaoine càirdeil agus fiosrachail ag obair ann gu saor-thoileach.
Cruinneachaidhean
Chuir Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh a Hearadh fiosrachadh ri Hebridean Connections agus tha mòran den fhiosrachadh sinnsireachd aca ri fhaighinn air-loidhne, tha stuth an tasglainn agus na nithean eile air a bhith air an didseatachadh agus rim faotainn air an eadar-lìon.
- Dealbhan
- Sinnsireachd / Eachdraidh chroitean
- Clàr sgoilearan Sgoil Bheàrnaraigh na Hearadh 1838-1940
- Litir ruaig an fhearainn 1921