Comann Eachdraidh Eirisgeigh
Chaidh Comann Eachdraidh Eirisgeigh a stèidheachadh anns a’ Ghiblean 2010 airson eachdraidh an eilein a tha suidhichte eadar Uibhist a Deas agus Barraigh a chruinneachadh.
Làrach-lìnSeòladh
Former Eriskay School
Rudha Ban
Isle of Eriskay
HS8 5JJ
Fòn
01878 720713
Post-d
eriskayheritage@gmail.comMun bhuidheann seo
Chaidh Comann Eachdraidh Eirisgeigh a stèidheachadh anns a’ Ghiblean 2010 airson eachdraidh an eilein a tha suidhichte eadar Uibhist a Deas agus Barraigh a chruinneachadh. Tha iad air toiseach tòiseachaidh a dhèanamh le bhith a’ cruinneachadh dhealbhan agus a’ faighinn a-mach beagan mu cò a th’ anns na dealbhan. Fhuair an Comann còir air Sgoil Eirisgeigh o chionn ghoirid agus tha iad an sàs ann a bhith ga leasachadh mar ionad dualchais agus mar ionad coimhearsnachd le cafaidh agus cothrom air gnìomhan sunnd.
Cruinneachaidhean
Tha a’ mhòr chuid den chruinneachadh ann an riochd didseatach agus air a chatalogadh.
- Cruinneachadh de dhealbhan, le ainmean agus sloinntearachd nan daoine.
- Fiosrachadh mun Athair Ailean Dòmhnallach, dol fodha an SS Politician (ainmeil air sgàth ‘Whisky Galore’), Am Prionnsa Teàrlach, Geansaidh Eìrisgeigh, togail Eaglais Naomh Mhìcheil, iasgach an sgadain, eachdraidh croitearachd, sgoil Eirisgeigh agus each Eirisgeigh a tha ainmeil.