Na Cruithnich

Thug cultar nan Cruithneach buaidh air beatha nan eileanan mus tàinig na Lochlannaich. Tric thathar a’ coimhead air cultar nan treubhan Cruithneach mar rud a tha dìomhair dhuinne an-diugh. Gu h-annasach chan eil mòran fianais airson an ùine a bha iad sna h-Eileanan an Iar.  Tha’r a smaoineachadh gu bheil seo seachd gu robh ceangail nas làidire eadar na h-Eileanan agus rioghachdan Èireann agus Dàl Riata.

​Bha treubhan Cruithneach an làthair tarsainn air pìosan mòra de thaobh an ear Alba agus thàinig iad gu bith eadar 500-600AD bho threubhan Linn an Iarainn a bh’ ann romhpa. Air na h-eileanan thàinig cultar, beachdan, poilitigs agus fasain nan Cruithneach bho na h-ionadan cumhachd air tìr-mòr Alba agus thug iad buaidh air na h-eileanaich a ghabh riutha gu ìre.     

Ged a dh’fhaodas cultar nan Cruithneach a bhith doirbh aithneachadh ann am fianais àbhaisteach arc-eòlach nan eilean tha e furasta aithneachadh ann am modhan adhlacaidh. Chaidh clachan Cruithneach air am peantadh a lorg ann an àiteachan adhlacaidh anns na h-Eileanan Siar agus tha e coltach gu bheil iad a’ comharrachadh daoine cudromach no tachartasan sònraichte.

Gu h-annasach chaidh càrn adhlacaidh ceithir-cheàrnach a lorg ann an Cill Pheadair ann an Uibhist a Deas le corp boireannaich Cruithneach aois 40 bliadhna. Sheall mion-sgrùdadh gun deach a h-adhlacadh mu 700AD. Sheall deuchainnean isotope nach robh i bho thùs às na h-Eileanan Siar ach gur dòcha gu robh ceangal aice ris na Cruithnich ann an Arcaibh no Sealtainn. Chan eil ach dà adhlacadh den t-seòrsa seo air lorg anns na h-Eileanan Siar agus tha e coltach gu bheil iad nan comharran air caidreachais poilitigeach a rinneadh tro phòsadh eadar teaghlaichean uasal à sgìrean eadar-dhealaichte. 

Artistic representation created for Archaeology Service of how it may have looked based on archaeological evidence © Museum & Tasglann nan Eilean
Berneray Pictish Burial – Artistic representation created for Archaeology Service of how it may have looked based on archaeological evidence © Museum & Tasglann nan Eilean
Kilphedar Pictish Burial - Artistic representation created for Archaeology Service of how it may have looked based on archaeological evidence © Museum & Tasglann nan Eilean
Kilphedar Pictish Burial – Artistic representation created for Archaeology Service of how it may have looked based on archaeological evidence © Museum & Tasglann nan Eilean
This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more