Seinn Spioradail
Museum nan Eilean Steòrnabhagh
20mh Faoilleach – 12mh Giblean 2024
Air iosad bho Dr Frances Wilkins, Ionad Elphinstone, Oilthigh Obar Dheathain,.
Ionnsachadh mu thraidisean seinn cràbhaidh anns gach sgìre agus faodar eòlas a chur air tro chlàraidhean, film, stuthan agus tasglann didseatach, clàr-dùthcha fuaim agus turas biortail eadar-ghnìomhach.
Tha an Dr Frances Wilkins, Àrd-òraidiche ann an Eitn-eòlas Ciùil aig Ionad Elphinstone, Oilthigh Obar Dheathain, air sia bliadhna a chur seachad a’ dèanamh obair làraich ann an Taobh Siar na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan Siar agus i a’ rannsachadh seinn spioradail agus cràbhaidh bhon sgìre.
Tha i air a bhith a’ cruinneachadh agus a’ clàradh traidiseanan seinn na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach seinn laoidhean, seinn sailm agus bàrdachd spioradail a tha a’ crìonadh ann an coimhearsnachdan Innse Gall.
Thuirt an Dr Wilkins: “Ann an linntean a dh’fhalbh, bha pàirt chudromach aig an eaglais ann a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig an uair a bha i air a casg bho sgoiltean.
“An-diugh, gu h-ìoranta, tha an suidheachadh air atharrachadh. Tha dà-chànanachas na Gàidhlig agus na Beurla, rud nach robh a’ faighinn cliù, a-nis air a mheas mar rud luachmhor agus buannachdail do dh’ionnsachadh thar curaicealaim na sgoile, ach chan eil ach glè bheag de sheirbheisean eaglaise ann an Gàidhlig, agus tha seo air crìonadh mòr ann an traidisean seinn cràbhaidh na Gàidhlig adhbhrachadh.’
Gus taic a chur ri dìon a chur air an traidisean, tha an Dr Wilkins air a bhith a’ comharrachadh agus a’ clàradh seinn cràbhaidh agus spioradail na Gàidhlig gus tasglann a chruthachadh agus gus an ceòl a thoirt do luchd-èisteachd nas fharsainge.
Tha mòran dhe na clàraidhean fuaime, dealbhan agus bhidiothan a chaidh a dhèanamh mar phàirt dhen phròiseact nam bun-stèidh air an làrach-lìn agus an tasglann didseatach air-loidhne (aig www.seinn.org). Thèid CD agus leabhar le cuid dhe na clàraidhean fuaime fhoillseachadh nas fhaide ann an 2024 agus thèid an reic an cois an taisbeanaidh.
Mhìnich an Dr Wilkins: “Tha cànan mar dhòigh air an cultar a chur an cèill. Feumar an ceangal làidir a th’ aige ris na daoine, agus am pàirt a tha aig ceòl ann, aithneachadh agus a neartachadh san àm ri teachd ma tha sinn a’ dol a chumail cuid dhe na rudan as prìseile mu chultar na Gàidhlig beò.”
Tha i cuideachd ag ràdh, “Bha e sònraichte a bhith a’ dèanamh an rannsachaidh ann an Innse Gall. Tha mi air coinneachadh ri uiread de dhaoine brosnachail agus tha mi taingeil dhan h-uile duine a tha air a bhith an sàs ann agus air mo chuideachadh leis a’ phròiseact. Tha mi toilichte gu bheil an rannsachadh agus agus na foillseachaidhean a’ cur ri bhith a’ toirt dìon dhan traidisean àraid seo de sheinn.”
“Bidh mi ann nuair a dh’fhosglas e agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri tilleadh a Leòdhas agus coinneachadh ri feadhainn a chur ris a’ phròiseact. Bidh e fìor mhath na seinneadairean a bha an sàs sa phròiseact fhaicinn aig fosgladh an taisbeanaidh.”
“Cha bhiodh e comasach an taisbeanadh seo a chur air às aonais taic ionmhasail bho Acadamaidh Bhreatainn, Urras Charnegie agus Bòrd na Gàidhlig, agus bhon taic aig iomadh neach-obrach aig Museum agus Tasglann nan Eilean ann an Steòrnabhagh.”
Bidh an taisbeanadh aig Museum nan Eilean ann an Steòrnabhagh bho 20mh Faoilleach – 12mh Giblean 2024 mus tèid e air chuairt tro choimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a’ gabhail a-steach Baile Ailein (Leòdhas) bhon Ghiblean – Ògmhios 2024, Port Rìgh (An t-Eilean Sgitheanach) bho Ògmhios – Samhain 2024, agus Loch nam Madadh (Uibhist a Tuath) bhon Dùbhlachd 2024 – Gearran 2025.