Sonraichte Archaeology Project Open Day

Comhairle Arc-eòlach

Gu h-ìosal gheibh sibh comhairle bho Seirbheis Arc-eòlais Innse Gall mu lorg meatailt sna h-eileanan, mar a dh’innseas sibh mu nithean arc-eòlach a lorg sibh do Treasure Trove agus na nì sibh ma thig sibh tarsainn air iarsmadh daonna.

Stiùireadh mu bhith a’ lorg meatailt

Feumaidh lorgairean meatailt dèanamh cinnteach gu bheil cead aca bhon uachdaran-fearainn mus tòisich iad air gnìomhan lorg meatailt.  Bu chòir a bhith mothachail nach ann leis a’ mhàladair a tha am fearann.  Chan eil buidhnean aig a bheil mòran fearainn mar Coimisean na Coilltearachd, Ministreachd an Dìon, Urras Nàiseanta na h-Alba agus Oighreachd a’ Chrùin (ach a-mhàin oir na mara – feumar cead)  a’ toirt cead a bhith a’ lorg meatailt air an fhearann aca.  Cha bhi an RSPB a’ toirt cead a bhith a’ lorg meatailt air fearann a bhuineas dhaibh no a tha iad a’ manaidseadh, ach a-mhàin fo shuidheachaidhean sònraichte aontaichte.

Cha bhi obair lorg meatailt air a cheadachadh air talamh no togalach le Comhairle nan Eilean Siar gun chead ro-làimh bho Sheirbheis Arc-eòlais na Comhairle.  Chan eil a bhith a’ lorg meatailt air carraighean arc-eòlais ainmichte ceadaichte.  Gus soilleireachadh a bheil cuimhneachain clàraichte ann an àite cuir fios gu Clàr na h-Àrainn Eachdraidheil aig Seirbheis Arc-eòlais na Comhairle.

Is e coire eucoireach a tha ann a bhith a’ lorg meatailt air no taobh a-staigh 20 meatair de charraighean ainmichte mar a tha air a chur an cèill ann an Achd Charraighean Àrsaidh is Àitichean Àrc-Eòlais 1979.

Is e coire eucoireach a tha ann a bhith a’ lorg meatailt air no taobh a-staigh 20 meatair de charraighean ainmichte mar a tha air a chur an cèill ann an Achd Charraighean Àrsaidh is Àitichean Àrc-Eòlais 1979. Airson tuilleadh fiosrachaidh bho Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba thoir sùil air an ceangal seo.

Mòr Ulaidh

Tha gach nì a thèid a lorg ann an Alba fo bhuaidh prionnsabalan lagh coitcheann na h-Alba bona vacantia agus le sin mar chuid-seilbh a’ Chrùin agus faodaidh e a bhith air agairt mar mhòr-ulaidh.  Bu chòir dhan h-uile nì a thèid a lorg a bhith air innse don Ionad Mhòr-ulaidh.  Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Mòr-ulaidh Alba faic: https://treasuretrovescotland.co.uk/.

Bhiodh Seirbheis Arc-eòlais na Comhairle air leth toilichte cluinntinn mu nithean sam bith a thèid a lorg agus far an deach an lorg (a’ gabhail a-steach an comharra-clèithe).  Bu chòir beachdachadh air puingean eile a rèir càite an deach an lorg a’ gabhail a-steach bleith-thalmhainn agus laghan àrainneachdail. 

Ma thèid stuth cudromach arc-eòlais a lorg cuir fios gu Seirbheis Arc-eòlais na Comhairle. Ma thèid cnàimhneach daonna a lorg cuir fios gu Poileas Alba agus an uair sin Seirbheis Arc-eòlais na Comhairle.

Bhiodh Seirbheis Arc-eòlais na Comhairle air leth toilichte cluinntinn mu nithean sam bith a thèid a lorg agus far an deach an lorg (a’ gabhail a-steach an comharra-clèithe).

Iarsmadh Daonna

Ma thig sibh tarsainn air stuth arc-eòlach cudromach cuiribh fios gu Seirbheis Arc-eòlais na Comhairle.  Mas e iarsmadh daonna a lorgas sibh cuiribh fios gu Poileas Alba agus an uair sin gu Seirbheis Arc-eòlais na Comhairle.

Tha mòran adhlacaidhean, gu h-àraidh feadhainn a bha ann ron àm mheadhan-aoiseil, a’ tighinn am follais a-mhàin an uair a thigear tarsainn orra gun fhiosta.  Ma lorgas tu rud a tha coltach ri cnàimhneach daonna, bu chòir dhut fios a leigeil chun phoileas ionadail anns a’ bhad.  Na buin dhan chnàimhneach agus feuch nach cuir thu dragh air an talamh mun cuairt air. Cuiridh am poileas fios chun arc-eòlaiche ma bhios iad dhan bheachd gur e seann àite adhlaicidh a chaidh a lorg.

Ma lorgas tu rud a tha coltach ri cnàimhneach daonna, bu chòir dhut fios a leigeil chun phoileas ionadail anns a’ bhad.  Na buin dhan chnàimhneach agus feuch nach cuir thu dragh air an talamh mun cuairt air.

Ma lorgas tu rud a tha coltach ri cnàimhneach daonna, bu chòir dhut fios a leigeil chun phoileas ionadail anns a’ bhad. Na buin dhan chnàimhneach agus feuch nach cuir thu dragh air an talamh mun cuairt air.

Tha An t-Seirbheis Dualchais dìleas mu bhith a’ dèiligeadh ri gach cnàimhneach daonna le urram agus meas. Thèid coimhead às dèidh cnàimhneach daonna a tha air a chur fo chùram Seirbheis an Taigh-tasgaidh agus thèid a chleachdadh ann an dòigh beusail agus urramach gu sòisealta. Thoir sùil air ar Poileasaidh airson Cnàimhneach Daonna airson tuilleadh fiosrachaidh.

This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more