Seirbheis Arc-eòlais nan Eilean Siar
Tha Seirbheis Arc-eòlais Chomhairle nan Eilean Siar a’ tabhann fiosrachadh agus comhairle airson planadh leasachaidh. Bidh e a’ sgrùdadh làraich arc-eòlach agus a’ toirt comhairle mu ghleidheadh agus rianachd an stòras arc-eòlach sna h-Eileanan an Iar, a’ gabhail a-steach cùisean co-cheangailte ri buaidh atharrachadh na gnàth-shìde agus crìonadh a’ chladaich.
Bidh an t-seirbheis cuideachd ag obair gus a bhith ag àrdachadh na h-àrainn eachdraidheil le bhith a’ toirt taic do bhuidhnean acadaimigeach, buidhnean coimhearsnachd agus daoine a tha an sàs ann an rannsachadh arc-eòlach. Tha comhairle mu phoileasaidh arc-eòlais agus dualchais, a tha iomchaidh gu h-ionadail, roinneil agus nàiseanta air a thabhann, agus tha an t-seirbheis a’ riochdachadh na Comhairle mar bhall de ALGAO Alba (Comann Oifigearan Arc-eòlais Ùghdarrasan Ionadail). Tha an t-seirbheis cuideachd a’ sgrùdadh an obair arc-eòlais a tha a’ dol air adhart sna h-eileanan agus a’ feuchainn ri bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil seo air a dhèanamh gu na h-inbhean làithreach agus gu bheil na toraidhean air an dèanamh follaiseach don phoball.
Clàr Àrainn Eachdraidheil
Tha Seirbheis Arc-eòlais nan Eilean Siar a’ cumail suas Clàr na h-Àrainn Eachdraidheil (HER). Tha còrr air 13,000 làrach san HER agus a’ comharrachadh an stòras mòr de làraich arc-eòlach agus eachdraidheil eile agus cuimhneachain a tha rim faotainn tro na h-Eileanan an Iar. Tha an clàr seo a’ gabhail a-steach nan làraich arc-eòlach ainmichte agus toglaichean air fad agus tha e daonnan air a chumail suas.
Os-shealladh de ar n-arc-eòlas
Tha na fuidhleachan arc-eòlais as tràithe sna h-Eileanan an Iar a’ dol air ais gu àm Meadhan Linn na Cloiche (c.7000BC). Ach, tha Nuadh Linn na Cloich, Linn an Umha agus Linn an Iarainn air an riochdachadh nas fheàrr le làraich mar cearcaill cloiche, àitean-tuineachaidh, carraighean tiodhlacaidh agus brochan le bhith dìreach ag ainmeachadh beagan dhiubh; is iad eisimpleirean ainmeil Calanais, Dùn Chàrlabhaigh, Barpa Langais agus Dun Sgurabhal. Bho thràth san linn mheadhan-aois air adhart chun 18mh agus an 19mh linn tha iomadach làrach ann eadar eaglaisean agus caistealan air adhart gus siostaman achaidhean. Mu dheireadh, tha structairean ann cuideachd bho amannan nas fhaisg air an là an-diugh, mar raointean-adhair agus ionadan ghunnaichean agus structairean eile co-cheangailte ris a’ 1d agus an 2na Cogadh Mòr agus eadhoin an Cogadh Fuar.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu:
Kevin Murphy
Arc-eòlaiche
6 Sràid Choinnich
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS1 2DP
Fòn: 01851 822758
Post-d: kevin.murphy@cne-siar.gov.uk