Foghlam & Sgoiltean

Thoir an Curraicealam airson Sàr-mhathais beò le taic bho chruinneachaidhean agus thaisbeanaidhean Museum & Tasglann nan Eilean. Tro chlasaichean a bhith a’ tadhal air a’ mhuseum no air an tasglann, bogsaichean-iasaid, pacan no leasain dà-chànanach air-loidhne.

Clas-sgoile a’ tadhal air làrach-arceòlais

Thoir an Clas agad a Chèilidh oirnn

Faodaidh cuairt gu museum a bhith na fhèin-fhiosrachadh air leth agus inntinneach dha na sgoilearan agad agus faodaidh e a bhith air a chleachdadh gus raon fharsaing de chuspairean a rannsachadh bho ar gaileiridhean maireannach no ar gaileiridhean le taisbeanadh sònraichte.  Ma tha an sgoil agad airson tadhal oirnn tha dà roghainn againn:

  • Cuairt choitcheann fèin-threòraichte: Faodaidh buidhnean bho sgoiltean tadhal an-asgaidh air a’ mhuseum ma tha iad air bucadh ro-làimh.  Cuir fios thugainn ro làimh gus àm a bhucadh gus am bi e comasach dhuinn innse dhuibh am bi sinn trang aig an àm sin.
  • A’ Tadhal le taic: Thoir cuspair a’ chlas agad beò le bhith a’ tadhal air a’ Mhuseum no an Tasglann.  Tha na cuairtean le taic a’ faighinn taic bho bhall den sgioba bheag againn.  An uair a ruigeas sibh, thèid fàilte a chur air a’ chlas agaibh agus gheibh sibh fiosrachadh, bùird-cliop agus peansailean a chleachdas sibh rè ur cuairt agus lethbhreacan air am priontadh ro làimh de chuairt airson Bun-sgoiltean. 

Bithibh mothachail nach eil seo ri fhaotainn ach an uair a tha luchd-obrach gu leòr ann airson seo a choileanadh agus mar sin bucaibh ann an deagh /àm.

Clas-sgoile a’ tadhal air taisbeanadh Lochlannaich Innse Gall ann am Museum nan Eilean Lìonacleit

Bogsaichean-iasaid airson a’ chlasrum agad

Ma tha an sgoil no an sgoil-àraich agaibh airson greis fhaighinn de aon de na bogsaichean-iasaid againn, airson adhbharan ionnsachaidh sa chlasrum, leigibh fios thugainn airson bucadh. Tha na bogsaichean a leanas againn airson taghadh bhuapa:

  • Lochlannaich & Fir-tàilisg Leòdhais
  • Mullach taigh granaidh
  • Dèideagan chloinne
  • Clann-nighean an Iasgaich
  • An Dàrna Cogadh

Àm Iasaid

Mar as trice is e 1 teirm an t-àm iasaid ach faodaidh seo a bhith air a leudachadh aig deireadh an àm iasaid agaibh, mur eil duine sam bith air a’ bhogsa a bhucadh.

Bùth-obrach Clann-nighean an Sgadain ann an sgoil

A’ Bucadh Àm tadhail no Bogsaichean-iasaid

An uair a bhios sibh a’ bucadh thoiribh seachad am fiosrachadh a leanas:

  • An seòrsa iarrtas- Cuairt choitcheann fèin-threòraichte no A’ Tadhal le Taic no Bogsa Iasaid Clasrum
  • Ainm na Sgoile
  • Neach-fios, post-dealain agus àireamh fòn
  • Bliadhna-sgoile agus aois a’ chlas/nan clasaichean
  • Àireamh sgoilearan sa bhuidhinn
  • Àireamh nan inbheach a tha còmhla riutha ma tha sin iomchaidh – (Nota airson Sgoil-àraich is e an àireamh as lugha a dh’fheumar 1 inbheach : 5 chloinne, Bun-sgoil 1 inbheach : 10 chloinne, Àrd-sgoil 1 inbheach : 15 chloinne)
  • Feumalachdan no riatanasan a bharrachd sam bith de am bu chòir dhuinn a bhith mothachail
  • Ceann-(Cinn-) là roghnaichte airson tadhal no airson bogsa iasaid
  • Amannan roghnaichte airson tòiseachadh agus crìochnachadh an tadhal (ma tha seo iomchaidh)
  • Cuspairean no fòcas de ur tadhal no ur bogsa iasaid
  • Ceistean sam bith no fiosrachadh a bharrachd a bu toigh leat a thoirt seachad

Cuir fios airson bucadh no ceistean gu museum@cne-siar.gov.uk.

Pacan Foghlaim Air-loidhne

Tha na pacan stòrais againn a’ cuimseachadh air taobhan de dhualchas agus cultar beairteach Innse Gall agus ag adhartachadh cothrom air cruinneachaidhean Museum agus Tasglann nan Eilean. Mar sin, mur eil e comasach dhuibh a thighinn thugainn faodaidh sibh na pasgain foghlaim againn a luchdachadh a-nuas.

Nota: Faodaidh gun toir na pacan dhà no trì mhionaidean gus luchdachadh a-nuas a rèir meud an fhaidhle.

Clann-nighean an Sgadain Maraireachd & Cruinn-reul Taighean-solais agus taisbeanadh dà-chànanach Na Lochlannaich Ròin
This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more