Tar-Shealladh Clàran Foghlaim

Foghlam agus sgoiltean

An dèidh Achd an Fhoghlaim (Alba) 1872 chunnacas sgoiltean stàite air an stèidheachadh ann an Alba, agus dh’fheumadh clann eadar aois 5 agus 12 a bhith gam frithealadh a rèir an lagha. Bha Bùird Sgoile air an stèidheachadh le buill a bha air an taghadh, gus foghlam a lìbhrigeadh aig ìre ionadail.

Mingulay School log book extract 1884
Mingulay School log book page detail March-May 1884

Clàran Bùird-sgoile agus Comataidh an Fhoghlaim

Bha na Bùird-sgoile a’ dèiligeadh ri raon de chùisean a bha a’ toirt buaidh air sgoiltean sna ceàrnaidhean a bha an urra ris gach Bòrd, a’ gabhail a-steach fastadh thidsearan. Ann an 1919 thàinig Comataidhean Foghlaim Sgìreil a-steach an àite nam Bùird. 

Tha clàran ann airson na Bùird a leanas:

Le cliocadh air ceangal fosglaidh an catalog airson an cruinneachadh iomchaidh san stòr-dàta againn

Barra School Board / Management Committee, 1888-1966

North Uist School Board / Management Committee, 1893-1947

Harris School Board / Management Committee, 1918-1975

Lewis School Management Committee / Education Sub-Committee, 1869-1974

Achmore School Board, 1875-1919

Barvas School Board, 1873-1919

Lochs School Board, 1873-1919

Stornoway School Board, 1873-1919

Uig School Board, 1873-1919 [partially digitised – see Digitised Volumes page]

Trustees of the Nicolson Institution, Stornoway, 1870-1888

Leabhraichean-clàraidh Hiort agus Miùghalaigh

 Tha na leabhraichean-clàraidh airson Hiort agus Miùghalaigh air a bhith air an didseatachadh gu tur le taic bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba agus faodar an rannsachadh air-loidhne tro ar duilleag Leabhraichean Didseatach.

Leabhraichean-clàraidh sgoile agus clàran sgoilearan

Fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 1872, dh’fheumadh ceannard gach sgoil leabhar-latha a chumail airson gach latha.  Dh’fhaodadh am fiosrachadh a bhith mu fhrithealadh nan sgoilear no cùisean a bha a’ toirt buaidh air am frithealadh mar mòr-ghalairean, droch aimsir agus luchd-obrach a bhith dheth. Dh’fhaodadh fiosrachadh eile a bhith a’ gabhail a-steach staitistigs mu fhrithealadh, liostaichean de luchd-teagaisg, cuspairean air an teagasg agus deitichean agus toraidhean sgrùdaidhean Luchd-sgrùdaidh na Banrigh.

Tha na leabhraichean-latha aig sgoiltean fa leth air an cumail aig grunnan làrach. Cuiribh fios chun t-seirbheis tasglainn airson fiosrachadh mu far a bheil clàraidhean sgoil shònraichte air an cumail.

Leis gu bheil fiosrachadh pearsanta ann an clàran sgoilearan mu chlann fa leth tha iad dùinte airson 100 bliadhna gus a bhith a rèir reachdas Dìon Dàta. Ma tha ùidh agaibh ann am fiosrachadh a dh’fhaodadh a bhith anns na leabhraichean clàraidh, cuiribh fios thugainn, oir is dòcha gum faod sinne na clàran a rannsachadh às ur leth.

Rannsaichibh stòr-dàta nan cruinneachaidhean an seo gus clàran sgoile sam faodadh ùidh a bhith agaibh a lorg, no cuiribh fios gu archives@cne-siar.gov.uk.

Thoiribh sùil air an duilleig seo airson àrd-shealladh de ar cruinneachaidhean tasglainn air fad. 

This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more