Comann Eachdraidh Bharabhais agus Bhrù
Chaidh Comunn Eachdraidh Bharabhais agus Bhrù a stèidheachadh ann an 1995 ag amas ùidh a bhrosnachadh ann an eachdraidh, dualchas agus cultar sgìre Bharabhais agus Bhrù air taobh siar Leòdhais
Làrach-lìnSeòladh
The historical society has no public premises.
Fòn
01851 840276
Post-d
office@barvasandbrue.co.ukMun bhuidheann seo
Chaidh Comunn Eachdraidh Bharabhais agus Bhrù a stèidheachadh ann an 1995 ag amas ùidh a bhrosnachadh ann an eachdraidh, dualchas agus cultar sgìre Bharabhais agus Bhrù air taobh siar Leòdhais. Tha cuairt-litir ràitheil aig a’ chomann Fios a’ Bhaile.
Thog an Comann àirigh a chithear aig Tom Mòr Urrahag. Tha seo a’ toirt cothrom do luchd-turais a bhith a’ faighinn a-mach co ris a bhiodh àirigh mar seo coltach. Tha bùird fiosrachaidh ag innse co ris a bha beatha air an àirigh coltach tro mhìosan an t-samhraidh.
Cruinneachaidhean
- Beul-aithris muinntir na sgìre
- Dealbhan agus stuth tasglann
- Mapa le ainmean àite sa Ghàidhlig
- Dealbhan Sgoil Bharabhais 1912-2012