Tilleadh Dhachaigh Innse Gall

Thathar a’ comharrachadh 100 bliadhna ann an Giblean 2023 bhon a dh’fhàg dà shoitheach eilthirich às na h-Innse Gall. Dh’fhàg an SS Marloch Loch Baghasdail air 15mh Giblean 1923 air an t-slighe gu St John, Bronsuic Ùr. Bha co-dhiù leth-cheud teaghlach air bòrd à Barraigh, Èirisgeigh, Uibhist a Deas agus Beinn na Fadhla a bha a’ sireadh beatha nas fheàrr dhaibh fhèin ann an Canada.

Dh’fhàg an SS Metagama, a bha cuideachd air an t-slighe gu Canada, Steòrnabhagh air 21d Giblean 1923, le 300 neach air bòrd à Leòdhas, agus àireamh nas lugha de dhaoine à Uibhist a Tuath is Uibhist a Deas a ràinig Steòrnabhagh an oidhche ron sin air an SS Hebrides. Bha tuilleadh imrichean mòra eile às na h-eileanan tro na 1920an.

Bha a’ mhòr-chuid den fheadhainn a dh’fhàg an dùthaich nan daoine òga a bha a’ fàgail bochdainn chruaidh às an dèidh, agus a bha a’ sireadh fortan agus chothroman nach robh rim faighinn san dùthaich aca fhèin.

Mar phàirt de chomharrachadh nan tachartasan seo, bidh Museum & Tasglann nan Eilean a’ cur litrichean bhon àm a bha a’ toirt iomradh air a’ Mhetagama, bho Chruinneachadh MhicGileabairt, suas air a’ bhlog againn. Tha sinn cuideachd airson taisbeanaidhean a chur air bhog a bhios a’ toirt seachad fiosrachadh mu eilthireachd mar chuspair sna taighean-tasgaidh againn ann an Steòrnabhagh agus Lionacleit as t-Samhradh 2024. Bidh seo a’ gabhail a-steach na sgeulachdan air cùl nan eilthireachdan mòra às na h-eileanan, agus an dìleab a dh’fhàg seo. As t-Samhradh 2025, thèid sùil a thoirt air in-imrich mar chuspair nar taisbeanaidhean.

Mar phàirt den phròiseact iomlan, tha Comhairle nan Eilean Siar airson sreath de thachartasan catharra a chur air dòigh, agus tha sgoiltean air a bhith a’ cur dhealbhan-cluich agus thaisbeanaidhean air an àrd-ùrlar, stèidhichte air tachartasan eachdraidheil a thachair. Gheibhear fiosrachadh mu na tachartasan sin an seo.

Bidh comainn eachdraidh agus buidhnean eile air feadh nan eilean, bho Bharraigh gu Rubha Robhanais, a’ cur sreath farsaing de thachartasan air dòigh, a’ gabhail a-steach taisbeanaidhean, ath-achdachaidhean agus tachartasan ealain. Tha barrachd fiosrachaidh mu na tachartasan gu lèir ri fhaighinn an seo.

Litir bho WJ Gibson gu Jean Gibson, 24 Giblean 1923 (mion-fhiosrachadh)
This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more