Seirbheis Tasglainn

Is e Tasglann nan Eilean seirbheis tasglainn Chomhairle nan Eilean Siar, ùghdarras ionadail Innse Gall. Is e ar dreuchd a bhith a’ cruinneachadh, a’ gleidheadh agus a’ toirt cothrom air cruinneachaidhean an tasglainn a tha fo ar cùram. Tha seo a’ gabhail a-steach clàraidhean eachdraidheil na Comhairle agus na feadhainn a bha ann roimhe, cho math ri clàran bhuidhnean is dhaoine eile co-cheangailte ri Innse Gall a tha air a bhith air an toirt mar thiodhlaic no air a bhith air an toirt seachad.

Tha an t-seirbheis suidhichte ann an goireas a chaidh a thogail a dh’aon ghnothaich ri taobh Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh, a dh’fhosgail ann an 2016.

Ma tha thu an sàs ann an rannsachadh air taobh sam bith de dh’eachdraidh Innse Gall is dòcha gu bheil stuthan againn a tha iomchaidh.  Thoir sùil air ar duilleag Fiosrachadh airson tuilleadh fiosrachaidh mu mar a dh’fhaodas sinn do chuideachadh.

Ma tha thu airson àm a shuidheachadh airson rannsachadh a dhèanamh san tasglann, thoir sùil air an duilleag Tadhal oirnn airson fiosrachadh fhaighinn mu mar a nì thu seo agus na bu chòir dhut a shùileachadh bho bhith a’ tadhal. 

Faodaidh tu cuideachd am blog againn fhaicinn an seo.

This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more