Ceistean eachdraidheil
An urrainn dhuinn ur cuideachadh?
Ma tha thu a’ rannsachadh taobh sam bith de dh’eachdraidh Innse Gall is dòcha gu bheil tùsan againn a bhiodh na chuideachadh dhut. Tha an t-seirbheis againn a’ tabhann comhairle agus fiosrachadh air tùsan a dh’fhaodadh a bhith iomchaidh, biodh sin ann an cruinneachaidhean an tasglainn no an taigh-tasgaidh. Is dòcha cuideachd gum biodh e comasach dhuinn innse dhut mu thùsan a tha aig buidhnean eile.
Mur eil e comasach dhut tadhal an uair a bhios tu a’ dèanamh an rannsachaidh agad fhèin, faodaidh sinne rannsachadh a dhèanamh às do leth airson suas ri leth uair a thìde gun chosgais sam bith. Faodaidh sinn tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh airson suas ri 2.5 uair a thìde ach feumar pàigheadh airson seo. Cuir fios thugainn gus faighinn a-mach mun t-seirbheis seo.
Airson rannsachadh nas fharsainge is dòcha gum biodh tu airson neach-rannsachaidh fhastadh. Gheibhear fiosrachadh mu luchd-rannsachaidh creideasaichte air làrach-lìn Comann Luchd-sloinntearachd agus Luchd-rannsachaidh Thasglainn (Association of Scottish Genealogists and Researchers in Archives no ASGRA).
Airson ceist a chur cuir fios gu:
Museum & Tasglann nan Eilean
A’ Ghearraidh Chruaidh
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS2 0XS
Fòn: 01851 822750
Museum nan Eilean
Sgoil Lionacleit
Beinn na Faoghla
HS7 5PJ
Fòn: 01870 603692
post-d: archives@cne-siar.gov.uk no museum@cne-siar.gov.uk