A’ toirt stuth mar Eàrlas no mar Thiodhlac

A bheil càil agaibh a tha sibh airson a thoirt seachad mar thiodhlac?

Tha dleastanas aig Museum nan Eilean agus Tasglann nan Eilean a bhith a’ cruinneachadh nithean co-cheangailte ri beatha ann an Innse Gall.  Thoiribh sùil air an earrann iomchaidh gu h-ìosal a rèir is an e stuth tasglainn, ball-ealain no stuth arc-eòlais a tha sibh airson a thoirt seachad. 

Frith-laghan Baile Steòrnabhaigh airson Luchd-obrach Ràitheil (fios mionaideach)

Tasglann

Tha ar cruinneachaidhean a’ taisbeanadh iomadh taobh de na h-Eileanan an Iar – an dòigh-beatha, an eaconamaidh agus taobhan cultarail tro linntean de eachdraidh. 

Tha Tasglann nan Eilean dèidheil a bhith a’ cruinneachadh clàran tùsail a tha cudromach a thaobh eachdraidh nan Eilean an Iar a’ gabhail a-steach clàran chlubaichean, chomainn, urrasan, ghnothachasan, bhuidhnean coimhearsnachd agus dhaoine fa leth. Ge bith an e tasglann a bhuineadh do neach, club, comann no gnothachas a tha thu a’ beachdachadh a chur dhan tasglann, cuir fios thugainn a dh’fhaicinn a bheil e comasach dhuinn an cruinneachadh agad a ghabhail.

An uair a ghabhas sinn na clàran bidh sinn:

  • a’ tabhann stòr tèarainte ann an suidheachadh a tha air a dheilbh gus dèanamh cinnteach gun tèid na clàran a dhìon;
  • a’ catalogadh nan clàran gu ìrean proifeiseanta;
  • a’ toirt cothrom le stiùireadh gu na clàran gus a dhèanamh comasach an cleachdadh airson rannsachadh;
  • dèanamh cinnteach gu bheil clàran dìomhair air an gleidheadh gu h-iomchaidh.

Faodaidh clàran a bhith air an toirt don tasglann mar tiodhlaic no an toirt mar eàrlas agus an neach leis an robh iad a’ gleidheadh seilbh laghail orra.  Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios thugainn.

Taigh-tasgaidh

Tha ùidh aig Museum nan Eilean an-còmhnaidh a bhith a’ cluinntinn bho dhaoine, bho theaghlaichean no bho bhuidhnean a tha airson nì a thoirt seachad a tha a’ buntainn ri ro-eachdraidh, eachdraidh agus cultar nan Eilean an Iar. 

Bidh sinn a’ cruinneachadh nithean a dh’fhaodadh a bhith inntinneach airson an taisbeanadh gu poblach agus airson taisbeanaidhean cho math ri bhith airson fiosrachadh no airson rannsachadh, aig an àm seo agus san àm ri teachd.

Ma tha rudeigin agad a tha thu a’ smaoineachadh a dh’fhaodadh a bhith air a chur ri cruinneachadh an taigh-tasgaidh, cuir post-dealain no fòn chun taigh-tasgaidh sa chiad àite. 

Bidh Comataidh nan Cruinneachaidhean againn, air a bheil luchd-obrach proifeiseanta an taigh-tasgaidh, a’ coinneachadh gu tric gus measadh a dhèanamh air nithean a thathar a’ tabhann.  Gus ar cuideachadh ann a bhith a’ tighinn gu co-dhùnadh, bidh sinn an urra ri dealbhan, tomhaisean agus fiosrachadh mun nì agus eachdraidh no sgeulachdan sam bith co-cheangailte ris agus mar sin mar as motha de dh’fhiosrachadh as urrainn dhut a thoirt dhuinn is ann as fheàrr.  Airson tuilleadh fiosrachaidh faic an ceangal gu h-ìosal no cuir fios thugainn.

Donating an object

Stuth Arc-eòlais

Bidh Museum nan Eilean, seirbheis taigh-tasgaidh an ùghdarrais ionadail, gu gnìomhach a’ cur fios gu Mòr-ulaidh Alba airson cothrom fhaighinn air stuth arc-eòlais a chaidh a lorg no a chladhach ann an Innse Gall.  Thathar a’ sùileachadh gun cùm arc-eòlaichean a tha ag obair sna h-eileanan ri reachdas iomchaidh sam bith a bhuineas do dh’Alba agus dhan RA, cho math ri inbhean agus stiùiridhean Institiud Cairte Arc-eòlaichean agus buidhnean proifeiseanta iomchaidh sam bith eile.

Gabh comhairle bho na stiùiridhean againn gu h-ìosal mu bhith ag ullachadh nithean airson an cur chun an taigh-tasgaidh.  Tha iad sin a’ dèiligeadh ri inbhean an fhiosrachaidh, am pacadh agus an leubaladh a dh’fheumar.  Ma chumar ris an stiùireadh seo nithear cinnteach gum bi am fiosrachadh ceart an cois nan nithean arc-eòlach a thèid a thoirt dhuinn agus gu bheil iad ann an suidheachadh iomchaidh gus a bhith seasmhach agus gum bi cothrom orra airson ginealaichean san àm ri teachd.

Stuth Arc-eolais
Racais-tostaidh bho Linn Bhictòria
This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more