Molaidhean airson Taisbeanaidhean

Bidh taisbeanaidhean sònraichte air an cumail sa ghaileiridh Taisbeanaidhean Sònraichte ann an Steòrnabhagh agus sa Ghaileiridh san Taigh-tasgaidh ann am Beinn na Faoghla.  Bidh iad sin mar thaisbeanaidhean nàiseanta a bhios a’ dol air chuairt agus taisbeanaidhean in-thaigh, agus taisbeanaidhean bhon choimhearsnachd.

Ma tha taisbeanadh agaibh a bu mhath leibh a mholadh, cuir iarrtas a-steach air a shon, a’ cleachdadh an fhoirm seo:

Exhibition Proposal Application

Download

Beachdaichidh Comataidh nan Taisbeanaidhean a bhios a’ coinneachadh gach ràith air na molaidhean air fad agus nì iad measadh air na h-iarrtasan a’ cleachdadh nan Slatan-tomhais Co-dhùnaidh.

Exhibition Proposal Decision Criteria

Download

Taisbeanaidhean Beaga

Tha àite againn cuideachd airson mion-thaisbeanaidhean air an t-slighe a-steach dhan mhuseum agus dhan tasglann.  Cleachd an fhoirm molaidh airson beachdan a chur a-steach.

A’ planadh air adhart

Feuch gum bi sibh mothachail gun àbhaist dhuinn a bhith a’ planadh dà bhliadhna ro-làimh agus gu bheil na clàran-ama againn gu math trang nas fhaide air adhart.

Ma  tha thu airson bruidhinn mu chàil sam bith mus cuir thu do mholadh a-steach, cuir post-dealain thugainn aig museum@cne-siar.gov.uk no archives@cne-siar.gov.uk

This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more