Teaghlaichean & Daoine Òga

Tha Museum & Tasglann nan Eilean a’ cur fàilte air teaghlaichean agus daoine òga a bhith a’ tadhal oirnn. Tha sinn an dòchas gun cuidich na nithean seo sibh gus an còrd ur cuairt ribh:

  • Pacan-droma (airson aoisean 2-8 bliadhna);  3 x bileagan airson an dath, ‘Beag agus Mòr’ (gnìomh dealbhaidh) ‘Slighe Dath sa Mhuseum’ (cunnt na dathan diofraichte a tha thu a’ faicinn mun cuairt ort)  Glainne Mheudachaidh  Cairtean le Cumaidhean  Peansailean is Crèidheanan. (Tha iad sin rim faotainn aig an dà làrach agus gheibhear na leanas cuideachd ann an Steòrnabhagh ‘Tha mi a’ faicinn’, ‘Deilbh an Obair-criadhadaireachd agad fhèin’ (a’ sgrùdadh le glainne mheudachaidh/gnìomh ealain), agus ‘Slighe Chiad-fàthan’). Faighnich air an son aig fàilteachas ann an Leòdhas/Oifis a’ Mhuseum ann am Beinn na Faoghla.
  • Eadar-obrachadh (Steòrnabhagh a-mhàin) – dà gheama eadar-obrachail, dà chànanach, freagarrach do chlann sna gaileiridhean maireannach. Tha grunnan nì eadar-obrachail eile ann leithid ‘tog prais’ ‘tomhais an aodach’, agus ‘cuir ort aodach’.
  • Slighean (Steòrnabhagh a-mhàin) –shlighe Fiadh-bheathachean freagarrach airson aoisean 3 gu 7 agus shlighe Lorg ‘s Amais freagarrach airson aoisean 6 agus nas aired
  • Leabhraichean dheilbh Coimhearsnachd (Steòrnabhagh a-mhàin) – dà leabhar-dheilbh coimhearsnachd a chaidh a chruthachadh le deugairean bho air feadh Innse Gall ann an 2015 ag innse mu na cur-seachadan agus na gnìomhan aca.
  • Pacan ealain agus air cuspair caisteil – an-asgaidh
  • Tachartasan agus gnìomhanfaic ar duilleag ‘Dè tha a’ Dol airson an fhiosrachaidh as ùire

Tha e an-asgaidh a bhith a’ dol dhan Mhuseum mar a tha e air a bhith o thùs ach tha feum mhòr againn air ur taic – bhiodh e math nan toireadh sibh tiodhlac dhuinn.

Gnìomhan Air-loidhne

Feuch na gnìomhan spòrsail seo aig an taigh

Ealain & Ceàird (dà-chànanach)

Mar a nì thu taigh-solais

A’ dèanamh bàtaichean-pàipeir

Mar a nì thu bàta-seileasdair

Mar a nì thu maighdeann-mhara ghluasadach

https://www.facebook.com/MuseumTasglannnanEilean/videos/385885802383960

Mar a nì thu Rionnag Nollaig Origami

Sgilean

A’ ceangal shnaidhmean

https://www.facebook.com/MuseumTasglannnanEilean/videos/366062364215077

Faodaidh tu na duilleagan seo a lìonadh a-steach aig an taigh no duilleag iarraidh an uair a thadhalas tu.

Duilleagan airson an dath

Lorg nam Faclan

This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more