© Museum & Tasglann nan Eilean

Dualchas Coimhearsnachd

Tha ceanglaichean làidir aig Seirbheisean Dualchais Innse Gall ris an lìonra de bhuidhnean dualchais coimhearsnachd a tha stèidhichte air feadh nan eilean. Tha iad sin a’ gabhail a-steach Comainn Eachdraidh a tha fo stiùir dhaoine a tha ag obair gu saor-thoileach.  Tha toglaichean aig mòran de na comainn, cuid aca a tha nan taighean-tasgaidh, agus faodaidh daoine tadhal orra.  Tha tasglainn, fiosrachadh mu shinnsireachd, dealbhan, beul-aithris agus nithean sna cruinneachaidhean aca. Tha na cruinneachaidhean beairteach sin a’ toirt cunntas air na coimhearsnachdan ionadail agus air na cultaran aca, agus a’ cur ris na cruinneachaidhean a tha aig Seirbheisean Dualchais Innse Gall.

Tha buidhnean dualchais eile a’ gabhail a-steach Buidheann Glèidhteachais Còmhdhail nan Eilean Siar, Urras Leabhraichean nan Eilean agus an tasglann didseatach Ceanglaichean Innse Gall.

Chaidh Comann Dualchais Innse Gall, a stèidheachadh ann an 2018, mar buidheann a tha a’ riochdachadh nam buidhnean dualchais coimhearsnachd.  Is e na prìomh amasan a tha aige a bhith a’ toirt cothrom do bhuidhnean dualchais bho air feadh nan eilean a bhith a’ co-obrachadh agus a’ cruthachadh tuilleadh chothroman san earrainn. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachadh bho’n Oifigear Leasacaidh aca an seo.

Faigh tuilleadh a-mach mu na buidhnean sin agus mu na cruinneachaidhean aca san liosta seo. Bi mothachail, ged a tha Seirbheisean Dualchais Innse Gall a’ dèanamh nas urrainn dhaibh gus am fiosrachadh seo a chumail cho ùr ’s a ghabhas, nach urrainn dhaibh an t-uallach a ghabhail airson dè cho ceart ’s a tha e, agus mar sin tha e air a mholadh fios a chur gu na buidhnean dualchais coimhearsnachd airson an fhiosrachaidh as ùire.  Chuireadh sinn fàilte air fiosrachadh sam bith mu leasachaidhean.

This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more