Archive

Tasglann

Seirbheis Tasglainn

Is e Tasglann nan Eilean seirbheis tasglainn Chomhairle nan Eilean Siar, ùghdarras ionadail Innse Gall. Is e ar dreuchd a bhith a’ cruinneachadh, a’ gleidheadh agus a’ toirt cothrom air cruinneachaidhean an tasglann a tha fo ar cùram.

Tuilleadh ri lorg
Museum Tasglann

A’ toirt stuth mar Eàrlas no mar Thiodhlac

Comhairle mu bhith a’ toirt stuth mar eàrlas no mar thiodhlac do thasglann no do sheirbheis mhuseum Innse Gall

Tuilleadh ri lorg
Arc-eòlas Museum Tasglann

Foghlam & Sgoiltean

Thoir Curraicealam airson Sàr-mhathais beò le taic bho chruinneachaidhean agus thaisbeanaidhean Museum & Tasglann nan Eilean. Tro chlasaichean a bhith a’ tadhal air a’ mhuseum no air an tasglann, bogsaichean-iasaid, pacan no leasain dà-chànanach air-loidhne

Tuilleadh ri lorg
Museum Tasglann

Ceistean eachdraidheil

Ma tha thu a’ rannsachadh taobh sam bith de dh’eachdraidh Innse Gall is dòcha gu bheil tùsan againn a bhiodh na chuideachadh dhut.

Tuilleadh ri lorg
Museum Tasglann

Comhairle agus Taic airson Dualchas

Comhairle agus taic bho Sheirbheisean Dualchais Innse Gall agus ceanglaichean airson taic bhon taobh a-muigh bho bhuidhnean eile do chomainn dualchais coimhearsnachd

Tuilleadh ri lorg
Arc-eòlas Museum Tasglann

Poileasaidhean Dualchais

Tha Seirbheisean Dualchais Innse Gall ag obair a rèir grunnan phoileasaidh a tha a’ sònrachadh nan inbhean air a bheil sinn ag amas agus a’ toirt frèam-obrach riaghlaidh airson nan seirbheisean poblach air fad a tha sinn a’ lìbhrigeadh.

Tuilleadh ri lorg
Museum Tasglann

Ceadachd Ìomhaigh

Ma tha thu airson faighinn a-mach mu bhith a’ cleachdadh dealbh no ìomhaigh bho na cruinneachaidhean againn san taigh-tasgaidh no san tasglann, nam biodh tu cho math is gun lìonadh tu a-steach Form Ceadachd Ìomhaigh.

Tuilleadh ri lorg
Arc-eòlas Museum Tasglann
Archive Museum Enquiry Genealogy

Ceistean bho na Meadhanan

Airson gach ceist bho na meadhanan, iarrtasan airson dealbhan agus filmichean cuir fios thugainn a’ toirt ùine gu leòr seachad airson freagairt.

Tuilleadh ri lorg
Arc-eòlas Museum Tasglann

A’ sgaoileadh a-mach

Is urrainn dhuinn bùithtean-obrach a thabhann do bhuidhnean sna h-àiteachan aca fhèin – mar eisimpleir, sgoiltean, dachaighean-cùraim, buidhnean coimhearsnachd, comainn eachdraidh an ua.ir a bhios sin comasach a thaobh stòras luchd-obrach.

Tuilleadh ri lorg
Arc-eòlas Museum Tasglann

Com-pàirteachasan

Tha eachdraidh mhath aig an t-Seirbheis Dualchais de chom-pàirteachas soirbheachail agus obair pròiseict, an dà chuid gu h-ionadail agus gu nàiseanta thar nan 30 bliadhna a chaidh seachad, a tha air raon de shochairean a thoirt do dhaoine nar coimhearsnachd

Tuilleadh ri lorg
This site uses cookies.
Some of these cookies are necessary to make our site work. Other cookies help us to improve your experience of using our site. Please bear in mind that not accepting our recommended settings may diminish your browsing experience.

By using our site you accept the terms of our Privacy Notice Read more